Stòras Rannsachaidh Shoillse

Tha Soillse, Lìonradh Nàiseanta Rannsachaidh airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig - a’ cur Stòras Rannsachaidh air bhog airson taic a thoirt do phròiseactan beaga a bhios a’ rannsachadh chuspairean ceangailte le ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Thig beachdachadh air a h-uile tagradh rannsachaidh cho fad ‘s a tha an tagradh ceangailte le cuspairean a tha a’ toirt sùil air cleachdadh no ath-nuadhachadh na Gàidhlig.  Mar eisimpleir, dh’fhaodadh tagraidhean a thighinn a-steach air cuspairean ceangailte le ciamar a tha a Ghàidhlig air a cleachdadh ann an coimhearsnachdan neo ann an teaghlaichean; cuspairean a tha sgrùdadh dearbh-aithne agus fèin-mhisneachd anns a’ chànain; a bhuaidh a tha aig poileasaidhean poblach air leudachadh agus ath-nuadhachadh na Gàidhlig; agus dè a bhuaidh a tha aig teicneòlas air ionnsachadh agus air ath-bheothachadh na Gàidhlig.

Bidh fàilte mhòr air tagraidhean co-obrachaidh bho sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd ann an co-phàirt leis na h-oilthighean a tha a’ gabhail pàirt ann an Soillse. 

Bheir Stòras Rannsachaidh Shoillse taic airgid suas gu £3,000 do phròiseactan rannsachaidh fon sgeama seo.   Feumaidh tagraidhean cuideachd teachd a-steach eile luach 40% a chur leis an airgead taic a gheibh am pròiseact bho Stòras Rannsachaidh Shoillse.  Am bliadhna, thathar an dùil ri 5 pròiseactan a mhaoineachadh bho an Stòras Rannsachaidh seo

Bu chòir na h-iarrtasan a bhith a-staigh aig Soillse ro 17 An t-Og-mhios 2011 agus feumaidh na pròiseactan a bhith crìochnaichte ro dheireadh An Dùbhlachd 2011.

Seallaibh gu h-ìosal airson foirm-iarrtais agus tuilleadh fiosrachaidh no thèid chun an làrach-lìn: http://www.soillse.ac.uk

PDF Icon Foirm Iarrtais 2011 PDF Icon Fiosrachadh do Thagraichean 2011
Doc Icon Foirm Iarrtais 2011  


Gheibhear cuideachd tuilleadh fios agus taic bho Iain Caimbeul air 01471 888559 neo tro post-d aig fios@soillse.ac.uk


Logo Soillse