Ceistean Àbhaisteach

Trioblaidean air clàradh 7 logadh a-steach

Carson nach urrainn dhomh logadh a-steach?
’S urrainn dhan trioblaid seo a nochdadh air adhbharan diofraichte. Air an darna làimh, dèan cinnteach gun do chleachd thu am far-ainm agus am facal-faire ceart. Ma thà, cuir fios gu rianaire a’ bhùird gus faighinn a-mach nach deach do thoirmeasg. ’S mathaid gun do rinn rianaire mearachd rian-coimpiutair a dh’fheumas e fhèin a chur ceart.
Ceann na duilleige

Carson a dh’fheumas mi clàradh sa chiad dol a-mach?
’S mathaid nach fheum, tha seo a’ crochadh air roghainnean a rinn an rianaire ma tha agad ri clàradh mus urrainn dhut puist a sgrìobhadh. Gheibh thu cothrom air barrachd feartan a leithid avatar, teachdaireachdan persanta, post-d gu buill eile, a’ dol nad bhall ann am buidheann, amsaa. Cha leig thu leas ach greiseag a chur seachad airson clàradh agus molaidh sinn gun dèan thu seo.
Ceann na duilleige

Carson a thèid mo logadh a-mach leis fhèin?
Mura cuir thu cromag ann am bogsa Log a-steach mi leis fhèin gach turas a bhios mi an-seo nuair a logas tu a-steach, cha chum am bòrd-bràth logte a-steach thu ach airson ùine ro-shocraichte. Cuiridh seo bacadh air mì-chleachdadh a’ chunntais agad. Ma tha thu airson cumail a bhith logte a-steach, cuir cromag sa bhogsa an àm a bhios tu a’ logadh a-steach. Cha mhol sinn seo idir ma tha thu a’ co-phàirteachadh an coimpiutair agad le daoine eile, m.e. ann an leabharlann, cafaidh eadar-lìn, complann oilthigh, amsaa. Mura faic thu am bogsa-cromaig seo, tha seo a’ ciallachadh gun do chuir an rianaire am feart seo neo-chomasach.
Ceann na duilleige

Ciamar a chumas mi m’ fhar-ainm far na liostaichean cò tha air loidhne?
Rach gu Gnìomhairean nam ball is Roghainnean a’ bhùird-bhrath is chì thu an roghainn Cuir m’ inbhe air loidhne am falach. Cuir an roghainn seo air le Seadh agus chan fhaic duine sam bith thu ach na rianairean, na maoir agus thu fhèin. Thèid do chunntadh nad bhall falaichte.
Ceann na duilleige

Chaill mi am facal-faire agam!
Air do shocair! Ged nach gabh am facal-faire agad lorg anns an stòr-dàta, gheibh thu fear ùr gun trioblaid sam bith. Rach dhan duilleag logaidh a-steach agus tagh Dhìochuimhnich mi am facal-faire agam. Lean air a’ mhìneachadh agus gheibh thu a-steach a-rithist ùine nach bi fada.
Ceann na duilleige

Rinn mi clàradh ach chan urrainn dhomh logadh a-steach!
Air a’ chiad dol a-mach, dearbh am far-ainm is am facal-faire agad. Ma tha iad ceart, ’s dòcha gu bheil aon de na dà rudan a leanas a’ tachairt: Ma tha taic COPPA comasach agus ma shònraich thu gu bheil thu nas oige na 13 bliadhna a dh’aois nuair a rinn thu clàradh, feumaidh tu na mìneachaidhean a fhuair thu a leantainn. A bharrachd air sin, tha bùird-bràth ann far am feum an cunntas agad a bhith air cur an gnìomh le rianaire air neo leatsa fhèin mus urrainn dhut logadh a-steach; fhuair thu fiosrachadh mu seo nuair a chlàraich thu. Ma fhuair thu post-d, lean na mìneachaidhean. Mura d’ fhuair thu post-d, ’s dòcha gun do shònraich thu seòladh post-d cearr air neo gun deach a ghlacadh le criathrag spam. Ma tha thu cinnteach gun do shònraich thu an seòladh post-d ceart, feuch an cuir thu fios gu rianaire.
Ceann na duilleige

Chlàraidh mi bho chionn treis ach chan urrainn dhomh logadh a-steach nas motha?!
Feuch am faigh thu lorg a’ phost-d a fhuair thu nuair a chlàraich thu, dearbhaich am far-ainm agus am facal-faire agad agus feuch a-rithst e. ’S mathaid gun do chuir rianaire an cunntas agad à gnìomh air neo gun do sguab e às dha air adhbhar air choreigin. A bharrachd air sin, sguabaidh mòran bùird-bhrath às dha bhuill nach eil air sgrìobhadh bho chionn fhada gus meud an stòr-dàta a chumail nas ìsle. Ma thachair seo, feuch gun clàr thu a-rithist agus gun gabh thu pàirt anns na deasbadan nas cunbhalaiche.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann an COPPA?
’S e lagha anns na Stàitean Aonaichte a th’ ann an COPPA, no Child Online Privacy and Protection Act bho 1998, a dh’iarras dha làraichean-lìn a bhios comasach air fiosrachadh a chruinneachadh mu mhion-aoisich a tha nas oige na 13 bliadhna a dh’aois aontachadh sgrìobhte fhaighinn bho am pàrantan air neo bho seòrsa eile de legal guardian a cheadaicheas cruinneachadh fiosrachaidh a bhios personally identifiable bho mhion-aoiseach fo 13 bliadhna a dh’aois. Ma tha thu mì-chinnteach co dhiubh a bhuineas seo riut no nach buin nuair a nì thu clàradh, faigh taic bho neach-lagha mu dheidhinn. Thoir an aire nach urrainn do phpBB Group stìùireadh laghail a thoirt dhut agus chan eil e freagarrach ceistean a thoirt dhaibh mu chùisean laghail sam bith seach ann an dòigh a thathar a’ mìneachadh gu h-ìseal.
Ceann na duilleige

Carson nach urrainn dhomh clàradh?
’S mathaid gun deach an seòladh IP agad a thoirmeasg leis an rianaire air neo nach eil am far-ainm a tha thu a’ feuchainn ri clàradh ceadaichte. A bharrachd air sin, ’s dòcha gun do chuir an rianaire clàradh neo-chomasach gus nach faigh buill ùra sam bith a-steach. Cuir fios gu rianaire gus taic fhaighinn.
Ceann na duilleige

Dè nì “Sguab às gach briosgaid a' bhùird”?
Sguabaidh “Sguab às gach briosgaid a' bhùird” às dha na briosgaidean a chaidh a chruthachadh le phpBB agus a chumas thu logte a-steach air a’ bhùird-bhrath. A bharrachd air sin, bheir na briosdaidean seachad feartan mar cuimhneachadh dè na postaichean a tha thu air leughadh ma chuir an rianaire comasach iad. Ma tha trioblaidean agad le logadh a-steach no a-mach, ’s mathaid gun cuidich sguabhadh às air na briosgaidean thu.
Ceann na duilleige

Roghainnean 7 Gnìomhan nam ball

Ciamar a dh’atharraicheas mi na roghainnean agam?
Ma tha thu nad bhall clàraichte, thèid na h-uile roghainnean agad a chumail ann an stòr-dàta a’ bhùird. Rach gu Gnìomhan nam ball gus an atharrachadh; gheibh thu ceangal air an son aig ceann na duilleige mar as trice. Faodaidh tu na h-uile roghainn agad atharrachadh an siud.
Ceann na duilleige

Tha na h-amannan cearr!
’S mathaid gun dèid àm a shealltainn nach eil a’ freagairt ris an roinn tìde anns a bheil thu. Mas e seo a tha a’ tachairt, rach gu Gnìomhan nam ball – Roghainnean a’ bhùird-bhrath agus tagh an roinn tìde a fhreagras ris an àite far a bheil thu, m.e. Lunainn, Paras, Nuadh Eabhrach, Sidni, amsaa. Thoir an aire nach urrainn dhut an roghainn seo atharrachadh – a leithid cheudna leis a’ mhor chuid de na roghainnean eile – mura h-eil thu nad bhall clàraichte. Mura h-eil thu air do chlàradh, seo deagh àm gus seo a dhèanamh.
Ceann na duilleige

Tha mi air an roinn tìde atharrachadh agus tha na h-ammanan cearr fhathast!
Ma tha thu cinnteach gun do thagh thu an roinn tìde agad agus tìde samhraidh/DST gu ceart agus ma tha na h-ammanan cearr fhathast, tha tìde gleoc an fhrithealaiche cearr. Cuir fios gu rianaire ach an cuir esan gu ceart e.
Ceann na duilleige

Chan fhaigh mi an cànan agam anns an liosta!
Cha do stàlaich rianaire an cànan agad air neo cha deach am bòrd seo eadar-theangachadh gun cànan agad. Feuch iarraidh dhan rianaire paca a’ chànain a tha a dhìth ort a stàladh. Mura h-eil paca a’ chànain agad ri fhaighinn, faodaidh tu fhèin eadar-theangachadh a dhèanamh ma thogras tu. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn air làrach-lìn phpBB (faic an ceangal aig bonn duilleagan a’ bhùird).
Ceann na duilleige

Ciamar a sheallas mi dealbh fo m’ fhar-ainm?
Tha dà dhealbh ann as urrainn nochdadh fo fhar-ainm nuair a choimheadas tu air postaichean. A-rèir nòs a’ bhùird a chleachdas tu, ’s mathaid gur e dealbh co-cheangailte ris an rang agad a tha an dàrna fear, mar as trice ann an cruth rionnagan, bhogsaichean neo phuingean, a riochdaicheas cò mheud postaichean a tha thu air sgrìobhadh air neo dè an rang agad air a’ bhùird. ’S e dealbh as motha a tha anns an fhear eile mar as trice agus canar avatar ris. ’S e dealbh sònraichte a bhuineas ri gach ball gu pearsanta a th’ ann an avatar. Tha e a’ crochadh air rianaire a’ bhùird co dhiubh a bheil avataran ann no nach eil agus dè an dòigh anns am faigh thu iad. Mura h-urrainn dhut avataran a chleachdadh, ’s urrainn dhut fios a chur gu rianaire gus faighneachd carson.
Ceann na duilleige

Dè an rang agam agus ciamar a dh’atharraicheas mi i?
Nochdaidh rangan fo fhar-ainmean agus riochdaichidh iad cò mheud post a tha thu air sgrìobhadh air neo suaicheantas buill sònraichte, m.e. maoir agus rianairean. Anns an fharsaingeachd, chan urrainn dhut fhèin briathran raing sam bith atharrachadh air a’ bhòrd o chionn ’s gun stèidhichidh rianaire a’ bhùird iad. Na dèan mì-chleachdadh a’ bhùird a’ sgrìobhadh postaichean gun fheum a dh’aona-ghnòthach gus an rang agad a mheudachadh. Cha chuir a’ mhòr chuid de bhùird suas leis agus nì maor no rianaire lughdachadh àireamh nam post agad gu simplidh.
Ceann na duilleige

Nuair a thèid mi air ceangal gu post-d buill, carson a thathar ag iarraidh gun log mi a-steach?
Chan fhaod ach buill clàraichte post-d a chur gu buill eile tro fhoirm post-d a’ bhùird fhèin agus chan fhaodar seo a dhèanamh idir mura chuir an rianaire am feart seo comasach. Tha na cuingealachaidhean seo ann gus bacadh a chur air mì-chleachdadh puist-d le luchd-tadhail neo-ainmichte.
Ceann na duilleige

A' sgrìobhadh postaichean

Ciamar a chruthaicheas mi cuspair ann am fòram?
Gus cuspair ùr a chruthachadh ann am fòram, bruth air a’ phutan iomchaidh air duilleag fòraim air neo duilleag cuspair. ’S mathaid gum bi agad ri clàradh mus urrainn dhut postaichean a sgrìobhadh. Chì thu liosta nan ceadan a th’ agad anns gach fòram air bonn duilleag fòraim no cuspair: 'S urrainn dhut puist ùra a chruthachadh san fhòram seo, 'S urrainn dhut freagairt ri cuspairean san fhòram seo, amsaa., mar eisimpleir.
Ceann na duilleige

Ciamar a dheasaicheas mi no sguabas mi às dha phost?
Mura h-eil thu nad rianaire no maor, chan fhaod thu ach na postaichean agad fhèin deasachadh no cur às dhaibh. Airson post a dheasachadh, brùth am putan “deasaich” aig a’ phost seo; ’s mathaid nach eil am putan seo ri fhaighinn ach greis sònraichte an dèidh an t-àm a sgrìobh thu am post. Ma tha cuideigin air freagairt am post agad mu thràth, nuair a thilleas tu dhan chuspair chì thu teagsa bheag aig bonn a’ phuist agad a’ mìneachadh cò mheud turas a chaidh a dheasachadh le ceann-latha is ùine an cois. Cha nochd seo ach nuair a bhios cuideigin air freagairt agus mura deach a dheasachadh le rianaire no maor ged as urrainn dhaibhsan teachdaireachd fhàgail carson a dheasaich iad am post ma thogras iad. Thoir an aire nach urrainn dho bhuill chumanta sguabadh às dha phost ma fheagair cuideigin mu thràth.
Ceann na duilleige

Ciamar a chuireas mi earr-sgrìobhadh ris a’ phost agam?
Gus earr-sgrìobhadh a chur ris na postaichean agad, feumaidh tu fear a chruthachadh an toiseach ann an Gnìomhan nam ball. Nuair a tha thu air fear a chruthachadh, cuir cromag ann am bogsa Cuir earr-sgrìobhadh ris nuair a bhios tu a’ sgrìobhadh post gus an t-earr-sgrìobhadh agad a chur ris. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut earr-sgrìobhadh a chur ris na postaichean agad gu bunaiteach. Dèan taghadh leis a’ phutan-rèidio iomchaidh ann an Roghainnean a’ bhùird-bhrath gus seo a dhèanamh. Ma rinn thu seo, faodaidh tu bacadh a chur air earr-sgrìobhaidh fhathast nuair a sgrìobhas tu post ma bheir thu an cromag air falbh bhon a’ bhogsa-chromaig.
Ceann na duilleige

Ciamar a chruthaicheas mi cunntas-beachd?
Nuair a chruthaicheas tu cuspair ùr air neo a bhios tu a’ deasachadh a’ chiad phost ann an cuspair, tagh an taba “Cruthaich cunntas-beachd” fon uinneig-sgrìobhaidh; mura faic thu seo chan eil na ceadan iomchaidh agad gus cunntasan-beachd a chruthachadh. Sònraich tiotal agus dà roghainn air a char as lugha is dèan cinnteach gu bheil gach roghainn ann an loidhne ùr anns an roinn teagsa. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut àireamh nan roghainnean a dh’fhaodas gach ball a thaghadh nuair a bhòtas e a shònrachadh fo “Roghainnean am ball”. Cuideachd, ’s urrainn dhut cuingealachadh ùine a thaghadh (bidh 0 gun chuingealachadh) agus cò mheud turas a dh’fhaodas buill na roghainnean aca atharrachadh.
Ceann na duilleige

Carson nach urrainn dhomh roghainnean a bharrachd a chur ri cunntas-beachd?
Sònraichidh rianaire a’ bhùird cuingealachadh roghainnean ann an cunntas-beachd. Ma tha thu dhen bheachd gu bheil feum agad air roghainnean a bharrachd air na tha ceadaichte, cuir fios gu rianaire a’ bhùird.
Ceann na duilleige

Ciamar a dheasaicheas mi no sguabas mi às dha chunntas-beachd?
A leithid postaichean, cha ghabh cunntasan-beachd deasachadh ach le an ùghdar, maor no rianaire. Gus cunntas-beachd a dheasachadh, deasaich a’ chiad phost aig a’ chuspair; bi an cunntas-beachd an còmhnaidh co-cheangailte ris. Mura deach a bhòtadh fhathast, faodaidh buill roghainn sam bith a’ chunntas-bheachd a dheasachadh no cur às dha. Co-dhiù, ma deach a bhòtadh mu thràth, chan fhaod ach maoir is rianairean a dheasachadh no cur às dha. Cuiridh seo bacadh air atharrachadh nan roghainnean air leth-shlighe nuair a bhios an cunntas-beachd air tòiseachadh mu thràth.
Ceann na duilleige

Carson nach fhaigh mi a-steach a dh’fhòram?
’S mathaid nach fhaigh a-steach dhan fhòram a tha thu ag iarraidh ach buill no buidhnean sònraichte. ’S mathaid gu bheil ceadan sònraichte a dhìth ort gus an fhòram fhaicinn, postaichean a leughadh no a sgrìobhadh air no dad sam bith eile a dhèanamh. Cuir fios gu maor no rianaire los gum faigh thu cead.
Ceann na duilleige

Carson nach urrainn dhomh ceanglachain a chur ri post?
Bheir na rianairean seachad ceadan sònraichte a thaobh ceanglachain dha gach fòram, buidheann no ball. ’S dòcha nach dug an rianaire cead dha bhall sam bith ceanglachain a chur ri post anns an fòram sònraichte far a bheil thu a’ sgrìobhadh air neo chan fhaod ach buidhnean no buill sònraichte ceanglachain a chur ris na postaichean aca. Cuir fios gu rianaire a’ bhùird ma tha thu mì-chinnteach carson nach urrainn dhut ceanglachain a chur ris na postaichean agad.
Ceann na duilleige

Carson a fhuair mi rabhadh?
Tha riaghailtean sònraichte aig gach rianaire bùird air an làrach-lìn aige. Ma tha thu air riaghailt a bhriseadh, ’s mathaid gum faigh thu rabhadh. Thoir an aire gur e co-dhùnadh an rianaire a th’ ann seo agus nach eil phpBB Group ceangailte ri rabhaidhean air an làrach-lìn seo ann an dòigh sam bith. Cuir fios gu rianaire a’ bhùird ma tha thu mì-chinnteach carson a fhuair thu rabhadh.
Ceann na duilleige

Ciamar nì mi gearan mu phost?
Ma thug rianaire a’ bhùird cead seachad air a shon, chì thu putan gus gearan a dhèanamh leis an dearbh phost seo. Cleachd am putan seo agus lean na mìneachaidhean na chois.
Ceann na duilleige

Dè as fheum air a’ phutan “Sàbhail dreach” nuair a sgrìobhas mi post?
Bheir seo cothrom dhut na tha thu a’ sgrìobhadh a shàbhaladh agus a’ leantainn ort àm sam bith eile. Gus na shàbhail thu fhaighinn, rach gu taba “Foir-shealladh” ann an Gnìomhan nam ball agus tagh “Rianaich dreachan”.
Ceann na duilleige

Carson a tha aontachadh a dhìth air a’ phost agam?
Rinn rianaire a’ bhùird an co-dhùnadh gum bi sgrùdadh a dhìth air gach post anns an fhòram far a bheil thu a’ sgrìobhadh mus tèid fhoillseachadh. A bharrachd air sin, ’s mathaid gun do chuir an rianaire thu ann am buidheann far an dèid gach post a sgrùdadh mus dèid fhoillseachadh. Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh iarraidh bhon rianaire.
Ceann na duilleige

Ciamar a bhreabas mi an cuspair agam?
Nuair a sheallas tu air cuspair, ’s urrainn dhut ceangal “Breab an cuspair seo” a chleachdadh gus an cuspair agad a “bhreabadh” gu ceann a’ chiad duilleag an fhòraim. Co-dhiù, mura faic thu an ceangal seo, ’s mathaid nach eil am feart seo comasach air neo gu bheil e ro thràth an dèidh an ama a sgrìobh cuideigin anns a’ chuspair no a chaidh a bhreabadh an turas mu dheireadh. ’S e dòigh eile airson breabaidh a th’ ann a bhith a’ sgrìobhadh post ùr anns a’ chuspair. Bi faiceallach co-dhiù gu bheil thu a’ freagairt ri riaghailtean a’ bhùird ma nì thu seo.
Ceann na duilleige

Fòrmatadh 7 seòrsaichean cuspair

Dè a th’ anns a’ BhBCode?
’S e tionndadh sònraichte de HTML a th’ ann am BBCode a bheir smachd mhìonaideach dhut air fòrmatadh phàirtean de na postaichean agad. Cuiridh an rianaire roimhe an urrainn dhut BBCode a chleachdadh anns na puist agad air a’ bhùird-bhrath gus nach urrainn. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut fhèin taghadh an cleachd thu BBCode gus nach cleachd nuair a sgrìobhas tu post sònraichte. Tha BBCode fhèin coltach ri HTML, tha camagan ceàrnach [ agus ] mu na tagaichean seach < agus >. Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu BhBCode, seall air an treòraiche a gheibh thu air an duilleag sgrìobhaidh.
Ceann na duilleige

An urrainn dhomh HTML a chleachdadh?
Chan urrainn. Cha ghabh HTML a sgrìobhadh air a’ bhùird seo gus a nochdadh e air a reandaradh mar HTML. Gheibh thu a’ mhòr chuid dhen fhòrmatadh a bhiodh tu a’ dèanamh le HTML nuair a chleachdas tu BBCode an àite seo.
Ceann na duilleige

Dè th’ anns na samhlaidhean-gnùis?
’S e dealbhan beaga a th’ anns na samhlaidhean-gnùis as urrainn dhut cleachdadh gus fàireachdainnean a riochdachadh. Cleachdaidh tu còd goirid air an son, m.e. riochdaichidh :) toilichte is :( brònach amsaa. Chì thu liosta slàn de na samhlaidhean-gnùis air an duilleig sgrìobhaidh. Co-dhiù, feuch nach cleachd thu cus dhaibh air sgàth ’s gu bheil an cunnart ann gum fàs am post agad doirbh ri leughadh agus ’s mathaid gun deasaich maor am post agad gus an cur air falbh air neo sguabaidh e às dhan a’ phost gu tur. A bharrachd air sin, ’s dòcha gun do chuingealaich rianaire a’ bhùird cò mheud samhla-gnùis as urrainn dhut a chleachdadh anns gach post.
Ceann na duilleige

An urrainn dhomh dealbhan a chur ris na postaichean agam?
’S urrainn. Ma thug an rianaire cead seachad gus ceanglachain a chleachdadh, ’s urrainn dhut an dealbh a luchdadh suas dhan bhùird fhèin. Mura dug, feumaidh tu ceangal a dhèanamh ri dealbh a tha ri fhaighinn gu poblach air an eadar-lìn mu thràth, m.e. http://www.eisimpleir.com/an-dealbh-agam.gif. Cha ghabh ceangal a dhèanamh ri dealbh a tha air a’ choimpiutair agad fhèin (mura h-e frithealaiche poblach a th’ ann) air neo ri dealbhan far a iarrar logadh a-steach, m.e. bogsa-puist hotmail no yahoo, làraichean-lìn a tha gan dìon le facal-faire, amsaa. Cleachd taga BBCode [img] gus an dealbh a shealltainn.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann an lèir-ghairm?
Gheibh thu fiosrachadh cudromach anns na lèir-ghairmean agus bu chòir dhut an leughadh ma ghabhas seo a dhèanamh idir. Nochdaidh iad air ceann na duilleige anns gach fòram agus ann an Grìomhan nam ball. Bidh ceadan a thaobh lèir-ghairmean fo smachd rianaire a’ bhùird.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann an gairm?
Mar as trice, gheibh thu fiosrachadh cudromach mun fhòram a tha thu a’ leughadh ann an gairm agus bu chòir dhut a leughadh ma ghabhas seo a dhèanamh idir. Nochdaidh gairmean air ceann gach duilleag an fhòraim ris a bhuineas iad. Co-ionnan ri lèir-ghairmean, bidh ceadan a thaobh gairmean fo smachd rianaire a’ bhùird.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann am fleodrainn?
Nochdaidh fleodrainnean fo ghairmean air fòram agus air a chiad duilleag a-mhàin. Mar as trice, bidh iad cudromach agus bu chòir dhut an leughadh ma ghabhas seo a dhèanamh idir. Co-ionnan ri gairmean is lèir-ghairmean, bidh ceadan a thaobh gairmean fo smachd rianaire a’ bhùird.
Ceann na duilleige

Dè th' ann an cuspair glaiste?
Nuair a tha cuspair air a ghlasadh, chan fhaod buill a fhreagairt agus ma tha cunntas-beachd co-cheangailte ris thàinig e fhèin gu crìoch. Tha iomadach adhbhar ann carson a chaidh cuspair a ghlasadh, agus mar as trice ’s e maor no rianaire a ghlais e. Tha e a crochadh air na ceadan a thug rianaire a’ bhùird dhut am faod thu na cuspairean agad fhèn a ghlasadh gus nach fhaod.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann an dealbh a’ chuspair?
’S e dealbh a thagh ùghdar a chuspair gus an seòrsa susbaint nam postaichean a riochdachadh a th’ ann an dealbh a’ chuspair. Tha e a crochadh air na ceadan a thug rianaire a’ bhùird dhut am faod thu dealbh a’ chuspair a thaghadh gus nach fhaod.
Ceann na duilleige

Rangan bhall 7 bhuidhnean

Cò th’ anns na rianairean?
’S na rianairean na buill aig a bheil smachd as motha air a’ bhùird gu lèir. Riaghlaidh iad a h-uile rud co-cheangailte ri rianachd a’ bhùird, a’ gabhail a-steach ceadan, toirmeasg bhall, cruathachadh bhuidhnean is maoir amsaa. Tha nas urrainn dhaibh dèanamh a’ crochadh air na ceadan a thug bun-rianaire a’ bhùird dhaibh. ’S mathaid gu bheil iad nam maor anns na h-uile fòraman, a leithid cheudna a’ crochadh air na ceadan a thug bun-rianaire a’ bhùird dhaibh.
Ceann na duilleige

Cò th’ anns na maoir?
’S na maoir daoine air neo buidhnean de dhaoine a bheir an aire dha na fòraman gu làitheil. Anns na fòraman far a bheil iad nam maor, tha comas aca postaichean a dheasachadh no cur às dhaibh agus cuspairean a ghlasadh, a ghluasad, a roinn no cur às dhaibh. Anns an fharsaingeachd, ’s an dleastanas aca bacadh a chur air postaichean a bhios air an ràmh chearr air neo ana-chainnteach no oilbheumach.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann am buidheann?
’S e buidheann de bhuill a th’ ann am buidheann a sheòrsaicheas coimhearsnachd a’ bhùird ann an roinnean gus am bi e nas fhasa dha na rianairean dèiligeadh riutha. Faodaidh gach ball buntainn ri a bharrachd na aon bhuidheann agus ’s urrainnear ceadan sònraichte a thoirt dha gach buidheann. ’S e dòigh furasta a th’ ann seo dha na rianairean gus ceadan aig grunn bhuill atharrachadh aig an aon àm a leithid ceadan maoir no ceadan inntrigidh gu fòram sònraichte.
Ceann na duilleige

Càite a bheil na buidhnean agus ciamar a gheibh mi ballrachd?
Chì thu a h-uile buidheann ann an taba “Buidhnean” ann an Gnìomhan nam ball. Ma tha thu airson ballrachd fhaighinn ann am buidheann, tagh am putan-rèidio iomchaidh agus “Cuir ann”. Co-dhiù, chan eil inntrigeadh fosgailte aig a h-uile buidhnean. Feumaidh ceannard a’ bhuidhne aontachadh airson cuid dhaibh agus ’s mathaid gu bheil am buidheann dùinte air neo fiù ’s falaichte. Mas e buidheann fosgailte a th’ ann, gheibh thu ballrachd cho luath ’s a thaghas tu am putan iomchaidh. Nuair a bhios aontachadh a dhìth ort airson ballrachd fhaighinn, ’s urrainn dhut seo iarraidh a leithid cheudna leis a’ phutan iomchaidh. Feumaidh ceannard a’ bhuidhne aontachadh ris an iarrtas agad agus ’s mathaid gun iarr e ort mìneachadh carson a tha thu airson ballrachd fhaighinn. Na sàraich ceannard a’ bhuidhne ma tha e air an iarrtas agad a dhiùltadh, bidh adhbhar aige airson an diùltaidh.
Ceann na duilleige

Ciamar a ghabhas mi nam cheannard buidhne?
Mar as trice, thèid ceannard buidhne a thaghadh nuair a chruthaicheas rianaire a’ bhùird e. Ma tha ùidh agad ann an cruthachadh buidhne, bu chòir dhut fios a chur gu rianaire sa chiad dol a-mach. Feuch gun cuir thu teachdaireachd phearsanta thuige.
Ceann na duilleige

Carson a tha dàth sònraichte air cuid de na buidhnean?
’S urrainn do rianaire a’ bhùird dath sònraichte a chur air buill buidhne gus am bi iad nas fhasa ri aithneachadh nam buill dhen bhuidheann seo.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann am “buidheann tùsail”?
Ma tha thu nad bhall anns a’ bharrachd na aon bhuidheann, sònraichidh am buidheann tùsail agad dè an rang a th’ agad agus dè an dath a thèid a chleachdadh air do shon. ’S mathaid gun dug rianaire a’ bhùird cead dhut am buidheann tùsail agad atharrachadh ann an Gnìomhan nam ball agad.
Ceann na duilleige

Dè th’ ann an ceangal “An Sgioba”?
Gheibh thu fiosrachadh mu sgioba a’ bhùird air an duilleig seo, a’ gabhail a-steach liosta rianairean a’ bhùird agus nam maoir le fiosrachadh an cois a leithid dè na fòraman ris an dèiligeas iad.
Ceann na duilleige

Teachaireachdan pearsanta

Chan urrainn dhomh teachdaireachdan pearsanta a chur!
Tha trì adhbharan ann carson a thachras seo: chan eil thu air clàradh no logadh a-steach, chuir rianaire a’ bhùird teachdaireachdan pearsanta neo-chomasach airson a’ bhùird gu lèir air neo cha dug e cead dhut gus teachdaireachdan pearsanta a chur. Cuir fios gu rianaire a’ bhùird airson barrachd fiosrachaidh.
Ceann na duilleige

Gheibh mi teachdaireachdan pearsanta nach eil mi ag iarraidh!
’S urrainn dhut riaghailtean a stèidheachadh ann an Gnìomhan nam ball a chuireas bacadh air teachdaireachdan pearsanta bho bhall sònraichte. Cuir fios dha na rianairean ma gheibh thu teachdaireachdan ana-chainnteach bho bhall sònraichte; ’s urrainn dhasan cead gus teachdaireachdan pearsanta a chur a thoirt air fhalbh bhon bhall seo.
Ceann na duilleige

Fhuair mi post-d ana-chainnteach no spam bho chuideigin air a’ bhòrd seo!
Tha sinn duilich seo a chluinntinn. Tha feartan-dìona aig feart post-d a’ bhùird seo gus buill a lorg a chuireas puist-d dhen leithid. Cuir post-d gu rianaire a’ bhùird leis a’ phost-d slàn a fhuair thu an cois. Tha e tuilleadh is cudromach gun gabh seo a-steach a h-uile bann-cinn a bheir seachad mion-fhiosrachadh mun bhall a chuir am post-d. ’S urrainn don rianaire rudeigin a dhèanamh an uair sin.
Ceann na duilleige

Caraidean 7 eascaraidean

Dè th’ ann an liostaichean charaidean 7 eascaraidean agam?
’S urrainn dhut na liostaichean seo a chleachdach gus rian a chur aig buill eile a’ bhùird. Gheibh thu na buill a tha nan caraidean agad ann an liosta ann an Gnìomhan nam ball agus mar sin gheibh thu greim orra gu luath gus faicinn a bheil iad air loidhne air neo gus teachdaireachd phearsanta a chur thuca. ’S mathaid gun nochd iad le cudrom orra ma nì nòs a’ bhùird seo. Ma chuireas tu ball ann an liosta nan eascaraidean agad, thèid na postaichean uile aige fhalach.
Ceann na duilleige

Ciamar a chuireas mi buill ri no far liosta nan caraidean no eascaraidean agam?
Tha dà dhòigh ann gus ball a chur ri liosta. Nuair a sheallas tu air cunntas bhuill, chì thu ceangal gus a chur ri liosta nan caraidean no eascaraidean agad. Air neo thèid gu Gnìomhan nam ball agus cuir far-ainm a’ bhuill ri liosta an siud. Siud an àite cuideachd gus buill a thoirt far an liosta agad.
Ceann na duilleige

A’ lorg nam fòraman

Ciamar a lorgas mi ann am fòram no fòraman?
Cuir an abairt a tha thu a’ sireadh ann am bogsa “Lorg” air duilleag mhòr a’ bhùird, duilleag fòraim no duilleag cuspair. Tha lorg adhartach ri fhaighinn nuair a thaghas tu an ceangal “Lorg adhartach” a nochdas air gach duilleag a’ bhùird. Tha e a’ crochadh air nòs a’ bhùird càite am faigh thu a-steach dha duilleag lorg.
Ceann na duilleige

Carson nach fhaigh mi toraidhean airson na lorg mi?
’S dòcha nach robh an abairt a lorg thu mionaideach gu leòr air neo gun do ghabh e a-staigh cus faclan cumanta nach deach a chur ris an clàr-lorg le phpBB3. Feuch am bi thu nas mionaidiche agus gun cleachd thu na goireasan aig an Lorg adhartach.
Ceann na duilleige

Carson nach fhaigh mi ach duilleag bàn airson na lorg mi!?
Tha àireamh nan toraidhean airson na lorg thu cho àrd nach dèan am frithealaiche-lìn a’ chùis air. Feuch an cleachd thu “Lord adhartach” gus abairt as mionaidiche a chleachdadh agus gus àireamh nam fòraman a thèid a lorg a chuingealachadh.
Ceann na duilleige

Ciamar a lorgas mi buill?
Rach dha dhuilleag “Buill” agus cleachd ceangal “Lorg ball”.
Ceann na duilleige

Ciamar a lorgas mi na cuspairean agus postaichean agam fhèin?
Gheibh thu lorg na postaichean agad fhèin an dà chuid ma thèid thu air “Seall na puist agam” ann an Gnìomhan nam ball no air “Lorg post de bhall” air duilleag a’ chunntais agad. Gus na cuspairean agad a lorg, cleachd “Lorg adhartach” agus tagh na roghainnean iomchaidh.
Ceann na duilleige

A’ cumail sùil air cuspairean 7 comharran-leabhair

Dè an diofar eadar sùil a chumail air cuspair agus comharra-leabhair?
Tha comharran-leabhair air phpBB coltach ri comharran-leabhair air a’ bhrabhsair agad. Chan fhaigh thu sanas nuair a bhios dad as ùr ann, ach ’s urrainn dhut tilleadh dhan chuspair san àm ri teachd. Air an làimh eile, nuair a chumas tu sùil air a’ chuspair, gheibh thu sanas ann an dòigh no dòighean a thagh thu ann an Gnìomhan nam ball nuair a thèid an cuspair ùrachadh.
Ceann na duilleige

Ciamar a chumas mi sùil air cuspairean no fòraman sònraichte?
Gus sùil a chumail air fòram sònraichte, tagh ceangal “Cum sùil air an fhòram” nuair a sheallas tu air an fhòram. Gus sùil a chumail air cuspair sònraichte, tagh bogsa-cromaige “Cuir fios thugam nuair a thèid freagairt a sgrìobhadh ann” nuair a sgrìobhas tu freagairt anns a’ chuspair fhèin air neo tagh ceangal “Cum sùil air a' chuspair” nuair a sheallas tu air a’ chuspair.
Ceann na duilleige

Ciamar a stadas mi de chumail sùil air cuspair no fòram?
Gus stad de chumail sùil air cuspair no fòram, rach gu Gnìomhan nam ball, tagh “Rianaich na tha thu a’ cumail sùil air”, tagh na fòraman no cuspairean iomachaidh agus tagh “Na cum sùil tuilleadh”. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut “Na cum sùil air a’ chuspair / an fhòram tuilleadh” a thaghadh nuair a sheallas tu air a’ chuspair / an fhòram fhèin.
Ceann na duilleige

Ceanglachain

Dè na seòrsaichean ceanglachain a tha ceadaichte air a’ bhùird seo?
Cuiridh rianaire a’ bhùird roimhe dè na seòrsaichean ceanglachain as urrainn dhut a chleachdadh. Ma tha thu mì-chinnteach dè as urrainn dhut luchdadh suas, cuir fios dhan rianaire airson taic.
Ceann na duilleige

Ciamar a lorgas mi liosta slàn de na ceanglachain agam?
Gus na ceanglachain a luchdaich thu suas a lorg, rach gu Gnìomhan nam ball agus tagh “Rianaich na ceanglachain”
Ceann na duilleige

Cùisean phpBB 3

Cò sgrìobh am bòrd-brath seo?
Tha am bathar-bog seo (sa chruth gun atharrachadh) ga dhèanamh, ga fhoillseachadh agus fo dhlighe-sgrìobhaidh aig phpBB Group. Tha e air a thoirt seachad fo GhNU General Public License agus faodar a sgaoileadh an asgaidh. Seall an ceangal airson tuilleadh fiosrachaidh.
Ceann na duilleige

Carson nach eil am feart X ri fhaighinn?
Chaidh am bathar-bog seo a sgrìobhadh is a cheadachadh le phpBB Group. Ma tha thu dhen bheachd gu bheil feart sònraichte a dhìth air, tadhal air làrach-lìn phpbb.com agus seall air na tha phpBB Group ag ràdh. Na cuir iarrtasan airson feartan a-steach air a’ bhòrd-bhrath air phpbb.com a chionn ’s gun cleachd am buidheann SourceForge gus dleastanasan nam feartan ùra a rianachadh. Leugh na fòraman gus faighinn a-mach a bheil beachd air a thoirt seachad mu thràth mu fheart sònraichte agus lean na modhan a thathar a’ mìneachadh an-siud.
Ceann na duilleige

Cò dha a chuireas mi fios mu chùisean laghail no ana-chainneach co-cheangailte ris a’ bhòrd seo?
Bhiodh e freagarrach dhut nan cuireadh tu fios gu aon de na rianairean a nochdas air liosta “An Sgioba” gus gearran a thoirt a-steach. Mura faigh thu freagairt, bu chòir dhut fios a cur gu sealbhadair an àrainn (dèan lorg whois) air neo, ma tha seirbheis an asgaidh a’ frithealadh seo (m.e. Yahoo!, free.fr, f2s.com, amsaa.), cuir fios gu luchd-stiùiridh no roinn ana-chainnt na seirbeise ud. Thoir an aire nach eil uachdranas laghail sam bith aig phpBB Group agus nach eil e fo bhuailteachd ann an dòigh sam bith a thaobh ciamar, càite agus cò leis a thèid am bòrd seo a chleachdadh. Na cuir fios gu phpBB Group co-cheangailte ri cùisean laghail (cease and desist, liable, defamatory comment, amsaa.) sam bith nach eil a’ buntainn gu dìreach ri làrach-lìn phpBB.com no ri bathar-bog phpBB fhèin. Ma cuireas tu post-d gu phpBB Group mu chleachdadh air choireigin a’ bhathar-bhuig seo le treas neach, bi an dùil gum faigh thu freagairt dhreamach air neo nach fhaigh thu freagairt sam bith idir.
Ceann na duilleige
cron