Skip to content
Picture of students as a poster

CÙRSAICHEAN AIR ASTAR

Às bith càite bheil thu san t-saoghal, tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh air-loidhne còmhla rinn. Tha na cùrsaichean air astar aig Sabhal Mòr Ostaig air an dealbh gus làn chothrom a thoirt do dh’oileanaich a bhith a’ fàs fileanta sa chànan agus a’ dol air adhart gu cùrsaichean tro mheadhan na Gàidhlig.

Bhiodh e math dhut tòiseachadh air an t-sàr chùrsa, An Cùrsa Inntrigidh, mura h-eil ach glè bheag de Ghàidhlig agad fhathast. Ma tha beagan Gàidhlig agad, no ma tha thu air Gàidhlig ionnsachadh gu ìre air choreigin roimhe, bu chòir dhut smaoineachadh air Bann-luath a’ Chùrsa Inntrigidh no clàradh air a’ Chùrsa Adhartais, an ath cheum a dh’ionnsaigh fileantas sa chànan. Bidh an dà chùrsa a’ cur cuideam air sgilean èisteachd is labhairt agus a’ toirt misneachd dhut gus Gàidhlig a bhruidhinn bho latha gu latha.

Faodaidh tu a dhol air adhart don dàrna bliadhna de chùrsaichean ceuma na Colaiste às dèidh dhut crìoch a chur air a’ Chùrsa Adhartais, agus cothrom agad airson modalan a thaghadh ann am bàrdachd Ghàidhlig, beul-aithris agus an sgeulachd ghoirid.

Tha a’ Cholaiste cuideachd a’ tairgsinn chùrsaichean ann an leasachadh proifeiseanta do thidsearan tron phrògram MEd Foghlam Gàidhlig, agus cothroman do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig airson nan sgilean eadar-theangachaidh aca a thoirt air adhart tron chùrsa air-astar, DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig.

Às bith dè an cùrsa air a bheil thu, gheibh thu nas urrainn de thaic bho luchd-teagaisg agus luchd-obrach na Colaiste agus cothrom sònraichte gus càirdeas a thogail le oileanaich is luchd-ionnsachaidh eile air feadh an t-saoghail.

An Cùrsa Inntrigidh

Tha An Cùrsa Inntrigidh na chùrsa Gàidhlig air astar airson luchd-ionnsachaidh a th' aig an fhìor thoiseach, no aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà.

CertHE An Cùrsa Adhartais

Tha CertHE An Cùrsa Adhartais stèidhichte aig ìre an luchd-ionnsachaidh a tha ag amas air fileantachd a ruigsinn.

BA (le Urram) Gàidhlig le Leasachadh

Bheir an ceum seo sgilean obrach dhut agus cothrom eòlas fhaighinn air poileasaidh cànain agus leasachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd.

BA (le Urram) Gàidhlig

Air a' chùrsa seo bidh thu a' sgrudadh Gaidhealtachd an latha an-diugh 's an latha an-dè agus a' ruighinn sàr ìre comais ann an Gàidhlig.

DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte

Tha an cùrsa seo a' freagradh do dh'Ìre 2 den cheum BA air taobh a-staigh na Colaiste.

MEd Foghlam Gàidhlig

’S e prògram trì bliadhna de dh’ionnsachadh proifeiseanta a th’ anns a’ Cheum Mhaighstireachd ann am Foghlam (MEd) ann am Foghlam Gàidhlig.

MRanns Gàidhlig agus Ceiltis

Tha an MRanns Gàidhlig agus Ceiltis a’ tabhann dha oileanaich bonn-stèidh phroifeiseanta ann an Sgrùdaidhean na Gàidhlig agus na Ceiltis.

PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig)

'S e teisteanas teagaisg aon-bhliadhna, làn-ùine aig ìre for-cheum ann am foghlam bun-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a th' anns am PGDE Foghlam Bun-sgoile (Gàidhlig).

PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig)

'S e teisteanas teagaisg aon-bhliadhna, làn-ùine aig ìre for-cheum ann am foghlam àrd-sgoile tro mheadhan na Gàidhlig a th' anns am PGDE Foghlam Àrd-sgoile (Gàidhlig).

DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig

Tha an DLP Eadar-theangachadh Gàidhlig a’ freagairt orrasan a tha ag obair cheana mar eadar-theangaichean is iad airson tuilleadh leasachaidh a dhèanamh air an eòlas, sgilean agus cleachdadh.

Às bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

Às bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn.

MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd

Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte eòlas farsaing agus domhainn a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig.

PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis

Tha am PhD Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis a’ tabhann chothroman dha oileanaich rannsachadh aig ìre phroifeiseanta a ghabhail os làimh anns na diofar raointean de Sgrùdaidhean Gàidhlig is Ceiltis.

SVQ3 Seirbheisean Sòisealta (Clann is Òigridh)

An e neach-taic sgoile a th’ annad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no luchd-obrach nan sgoiltean àraich agus a bheil ùidh agad ann an teisteanas phroifeiseanta? A bheil thu ag obair còmhla ri òigridh? Air a’ chùrsa seo, bidh thu a’ cruthachadh pasgan de dh’fhianais air eòlas, sgilean agus comasan san obair agad fhèin.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578