Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tachartasan is Naidheachdan

  • 06/2020

    Farpais Bàrdachd

    An Dàrna Duais Bhliadhnail ann am Bàrdachd an Ainm na Peathar, Mairead NicDhòmhnaill Tha Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Naoimh Fransaidh Xavier, còmhla ri Urras Chlann Dòmhnaill,* airson an dàrna farpais bàrdachd a chur air bhonn an ainm na Peathar, Mairead NicDhòmhnaill. Rugadh is thogadh a’ Phiuthar NicDhòmhnaill leis a’... barrachd...
  • 05/2020

    Taic-Maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba airson Streap: Teisteanas For-Cheum ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

    Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte £65,000 de dh’airgead taic-maoineachaidh fhaighinn bho  Riaghaltas na h-Alba airson a’ phrògraim Streap a ruith anns an ath bhliadhna acadaimigeach. ’S e teisteanas for-cheum ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre Mhaighstireachd a tha ann an Streap.  Tha am prògram ag... barrachd...
  • 05/2020 Prògram de ghnìomhan beò air-loidhne tron Ghàidhlig - #cleachdiaigantaigh

    Prògram de ghnìomhan beò air-loidhne tron Ghàidhlig - #cleachdiaigantaigh

    Bidh am prògram air-loidhne air a chumail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig le ceangal ri farsaingeachd de ghoireasan eadar-obrach agus de thachartasan às dèidh sgoile airson òigridh.  Bheir seo cothrom do chloinn an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachd na dachaigh. Tha am Bòrd air a bhith ag obair... barrachd...
  • 04/2020

    Puirt bhon Dachaigh

    Christine Primrose leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’ le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais. ’S ann a Càrlabhagh a tha Christine agus tha i na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig is na neach-oide air a’ chùrsa BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: http://bit.ly/GàidhligIsCeòl     Seo... barrachd...
  • 04/2020 Coronavirus COVID-19 – Fios as ùire

    Coronavirus COVID-19 – Fios as ùire

      A chàirdean còire Tha sinn an dòchas gu bheil sibh a’ cumail slàn is sàbhailte aig an taigh aig an àm dhùbhlanach seo, is am bhìoras Covid-19 a’ sgapadh san dùthaich againn. Aig Sabhal Mòr Ostaig, bha sinn airson fios a chur thugaibh air na tha sinn fhìn a’... barrachd...
  • 04/2020

    COVID-19 – Fios as ùire

      A chàirdean còire Tha sinn an dòchas gu bheil sibh a’ cumail slàn is sàbhailte aig an taigh aig an àm dhùbhlanach seo, is am bhìoras Covid-19 a’ sgapadh san dùthaich againn. Aig Sabhal Mòr Ostaig, bha sinn airson fios a chur thugaibh air na tha sinn fhìn a’... barrachd...
  • 03/2020 Fiosrachadh bho Sabhal Mòr Ostaig a thaobh Coronavirus

    Fiosrachadh bho Sabhal Mòr Ostaig a thaobh Coronavirus

    Bidh luchd-obrach is oileanaich Sabhal Mòr Ostaig ag obair bhon taigh agus ag ionnsachadh air astar bhon diugh air adhart.  Chaidh co-dhùnadh a dhèanamh ri linn stiùireadh nàiseanta Coronabhìoras. A bharrachd air sgioba bheag riatanach de luchd-obrach air an làraich, bidh càch ag obair bhon taigh.  Chaidh clasaichean a chur... barrachd...
  • 03/2020 Corona Virus COVID-19

    Corona Virus COVID-19

    Fiosrachadh airson Oileanaich, Luchd-obrach agus Aoighean CORONAVIRUS – FIOS AS ÙIRE Tha a’ Cholaiste, mar phàirt de aontaidhean air feadh lìonradh Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean, air stad a chur air teagasg aghaidh-ri-aghaidh sa Cholaiste bho 1f an-diugh (Dimàirt 17). Tha seo a’ ciallachadh nach bi clasaichean aghaidh-ri-aghaidh a’... barrachd...
  • 03/2020 CD de dh’Òrain Ghàidhlig do Chloinn air Ghleus

    CD de dh’Òrain Ghàidhlig do Chloinn air Ghleus

    Tha Tobar an Dualchais (TAD), an tasglann-fuaim nàiseanta air-loidhne, air CD ùr a chur air bhog de dh’òrain agus duain Ghàidhlig freagarrach do chloinn. Airson an CD seo, ‘Seinnibh Còmhla Rinn’, tha TAD air feadhainn dhe na clàraidhean as fheàrr do chloinn a thaghadh bho làrach-lìn Tobar an Dualchais agus... barrachd...
  • 02/2020 Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba a’ cur air bhog leabhar eachdraidh mu Iomairt Sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann

    Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba a’ cur air bhog leabhar eachdraidh mu Iomairt Sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann

    Cuiridh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Suaineach BPA, leabhar eachdraidh ùr air bhog a chaidh a sgrìobhadh leis an Dr Tim Armstrong òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.  Tha an leabhar ùr seo, Às na Freumhan, a’ leantainn eachdraidh air iomairt... barrachd...