MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd
DUAIS: Cùrsaichean air Astar,Maighstireachd ann an SaidheansDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 1–3 BLIADHNA, A RÈIR TEISTEANAIS
CÒD: 93Q7
NEACH-STIÙIRIDH: An Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
FEARTAN SÒNRAICHTE
Tha an cùrsa ùr-ghnàthaichte seo, le cliù fad is farsaing, a’ toirt dhut cothrom sònraichte eòlas farsaing agus domhainn a chur air dualchas nan Gàidheal – uile-gu-lèir tron Ghàidhlig. A’ tarraing air beairteas cultar dùthchasach, litreachas, beul-aithris, agus cànan nan daoine, agus ag ionnsachadh bho sgoilearan barraichte aig a bheil inbhe eadar-nàiseanta, gheibh thu tuigse dhomhainn mu shaoghal nan Gàidheal an dè agus an-diugh. Chan fhaighear samhail a’ chùrsa seo ann an àite sam bith eile.
MÌNEACHADH
Dh’fhaodadh gu bheil tomhas math de dh’eòlas agad mar-thà mu bheul-aithris, cultar dùthchasach, agus eachdraidh sgìrean fa leth. Tro bhith a’ suidheachadh an eòlais sin ann an co-theacs farsaing na Gàidhealtachd air fad agus fiù ’s ceàrnaidhean eile den Roinn Eòrpa, le sùil shònraichte air cultar dùthchasach – an iomadach rud a chaidh a chruthachadh agus a chleachdadh le Gàidheil tro na linntean – gheibh thu sealladh farsaing air na h-atharrachaidhean iongantach a thàinig air saoghal nan Gàidheal thar nan trì ceud bliadhna a chaidh seachad. Ionnsaichidh tu còmhla ri oileanaich bheothail eile tro VLE air-loidhne agus tro cho-labhairtean fòn, agus nì thu rannsachadh ‘anns an raon’ cuideachd. ’S e cùrsa pàirt-thìde a th’ anns an MSc, a bheir dhut tòrr sùbailteachd a thaobh na h-àireimh de mhodalan a bhios agad gach semeastar. Mar is trice bheir e trì bhliadhna an MSc fhèin a thoirt a-mach.
BLIADHNA 1 – Pg Cert (SCQF Ìre 11) Modalan riatanach:
- Cultar Dùthchasach agus Tìr-Mòr na Roinn Eòrpa
- Bailtean is Iomairean
- Cultar Dùthchasach: Dòighean Rannsachaidh
BLIADHNA 2 – Pg Dip (SCQF Ìre 11) Modalan riatanach:
- Thar nan Linn
- Ceistean Mòra an Latha An-Diugh
Modalan roghainneil:
- Àrainneachd is Seasmhachd air an Talamh
- Dòighean Beatha is Nàbaidheachd
- Imrich is Buaidh Beatha
BLIADHNA 3 – MSc (SCQF Ìre 11) Modalan riatanach:
- Tràchdas rannsachaidh
SLIGHEAN ADHARTAIS & COTHROMAN OBRACH
- Rannsachadh PhD
- Roinn an dualchais/taighean-tasgaidh/buidhnean àrainneachdail/pròiseactan ri cruth na tìre
- Buidhnean leasachaidh agus cultarach; na h-ealain agus na meadhanan
FEUMALACHDAN INNTRIGIDH
Ceum le urram aig 2:2 no nas fheàrr ann an cuspair iomchaidh. Thathar a’ cur fàilte air tagraichean aig nach eil na teisteanasan seo ach aig a bheil eòlas proifeiseanta ann an cuspairean iomchaidh. Tha comas conaltraidh anns a’ Ghàidhlig aig ìre adhartach riatanach.
A’ cur a-steach iarrtas
Faodar iarrtas airson a chùrsa seo a dhèanamh gu h-ìosal: https://www.uhi.ac.uk/en/courses/msc-material-culture-and-gaidhealtachd-history/#applynow
COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2026/27
* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich LÀN-ÙINE a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.
For-cheum, MSc Cultar Dùthchasach agus a’ Ghàidhealtachd, air astar, cìs gach modail Modalan (60 creideas a’ cosg 3x Modalan 20 creideas)
Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)

