Gleusadh MS-Word airson sgrìobhadh sa Ghàidhlig

Có aca am b' fheàrr leatsa?

'S e (1) a gheibh thu bho MS-Word mur an dèan thu dad airson a chur ceart. 'S e (3) a b' fheàrr leamsa ach tha seo beagan doirbh. Seallaidh mi dhut an toiseach ciamar a ghleusas tu Word gus am faigh thu (2) an àite (1).

An "I" mhór mhallachdach ud an toiseach. Chì thu air feadh an àite i ann an aithisgean spaideil sa Ghàidhlig. Nochdaidh i gun iarraidh nuair a sgrìobhas tu "i" bheag. Ach tha e furasta stad a chur air a' mhì-mhodh seo. Ann am Word, rach gu "Tools" > "Autocorrect" mar seo:

agus gheibh thu rudeigin mar seo:

Rach dhan loidhne neo-shoirbheachail a tha a' tionndadh gach i 'na I agus dèan "Delete" air.

Air neo, nas fheàrr buileach, cuir bacadh air "Replace text as you type" uile gu léir, no gu deimhinne air a h-uile gin de na h-Autocorrects oir 's e innleachdan gun fheum a th' annta 'nam bheachd-sa.

A-nis an t-asgair (apostrophe) a bhith a' dol an rathad ceàrr. 'S e a tha a' dèanadh seo, innleachd ann am Word ris an canar "smart quotes". Tha an innleachd seo feumail ma tha thu ag iarraidh chomharraidhean labhairt (singilte no dùbailte) a tha spaideil. Nuair a sgrìobhas tu:

tha seo a' tionndadh leis fhéin 'na:

50

Ged a tha seo caran snog, 's e crois dhà-rìribh a th' ann ma tha thu a' sgrìobhadh sa Ghàidhlig far a bheil na h-asgairean cho cumanta aig toiseach facail. Bidh iad a' tionndadh leotha fhéin gun iarraidh bun-os-cionn, an rathad ceàrr. Mar sin tha e nas fheàrr an innleachd "smart quotes" a chur dheth. Nì thu seo mar a leanas. Rach gu "Tools" > "Autocorrect", tagh "Autoformat as you type", agus chì thu rudeigin mar:

Cuir an "Straight quotes by smart quotes" dheth. 'Nam bheachd-sa, tha e a cheart cho math a h-uile gin de na bogsaichean a chur dheth agus bidh beatha nas sìmplidh agad.

Ma tha thu a' sgrìobhadh rudeigin uabhasach spaideil sa Ghàidhlig, 's dòcha gum bi thu ag iarraidh na smart quotes a bhith air agus a h-uile asgair a bhith ceart mar a chì thu ann an (3) gu h-àrd. Ma tha, feumaidh tu rud beag de obair a bharrachd a dhèanamh. Ma tha thu ag iarraidh ascair ceart aig toiseach facail, cum sìos am putan "Control", put dà thuras air a' phutan ascair, agus gheibh thu aon ascair ceart. Air neo, mura bheil cuimhne agad air sin, sgrìobh dà ascair agus nochdaidh iad mar seo:

Feumaidh tu an uair sin a dhol air ais agus a chur às don chiad fhear - am fear bun-os-cionn. Fuirichidh an dàrna fear - am fear ceart - agus faodaidh tu cumail ort às a dhéidh a' sgrìobhadh a' chuid eile den fhacal.

Ma tha thu a' faicinn loidhnichean dearga fo na faclan Gàidhlig mar seo:

's e is coireach gu bheil an spell-check (Beurla) air. Dh'fhaodadh tu a chur dheth, ach bhiodh e na b' fheàrr a leasachadh gus am bi e a' dèanamh dearbhadh litreachaidh sa Ghàidhlig.

Seo agad na nithean gu léir a tha cudthromach. Ach ma tha thu ag iarraidh aithisg gu math spaideil a sgrìobhadh sa Ghàidhlig, 's dòcha gum bi ùidh agad sna h-innleachdan adhartach.

2002-12-09 CPD