Innleachdan adhartach airson sgrìobhadh sa Ghàidhlig ann an MS-Word

Clòidean Gaidhealach

Gheibh thu tòrr chlòidean Gaidhealach a tha brèagha agus saor ’s an asgaidh bhon làraich Gaelchló aig Vincent Morley. (Tha an làrach seo sgrìobhte sa Ghàidhlig Éireannach.)

’S e clòidean TrueType a th’ annta. Tha e furasta iad a stàlachadh ann am Windows leis an Control Panel agus an uair sin gabhaidh iad an cleachdadh ann am Word no ann am prògram sam bith eile.

“h-” agus “t-” agus “n-” aig deireadh loidhne

Có aca am b’ fheàrr leat?

Tha Word a’ smaoineachadh gu bheil e ceart gu leòr facal a bhriseadh àite sam bith far a bheil tàthan ann, ach tha na mìrean beaga a tha cho cumanta sa Ghàidhlig, “h-” agus “t-” agus “n-”, a’ coimhead beagan grànda aig deireadh nan loidhnichean.

Ma tha thu ag iarraidh tàthan sònraichte, “hard hyphen”, a chur a-steach far nach bi cead aig Word am facal a bhriseadh, cum sìos [Ctrl] agus [Shift] fhad’s a tha thu a’ a putadh air “-”. Ma tha thu airson aithisg a leasachadh a tha sgrìobhte mu-thràth le soft hyphens (tàthanan àbhaisteach), ’s urrainn dhut "Edit", "Replace" a chleachadh airson a h-uile “ h-” atharrachadh gu hard-hyphen:

agus an aon rud airson “ t-” agus “ n-”. B’ urrainn dhut macro a dhèanamh nam biodh tu a’ dèanamh sin gu tric, ach bi faiceallach mu na litrichean beag/mór. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu na hard hyphens (agus hard spaces) anns an help aig Word.

2002-01-21 CPD