Fhuair baile mór Calgary a ainm bhon bhaile Cala Ghearraidh anns an Eilean Mhuileach ann an Albainn. Tha có-dhiubh seachd bailtean ann an Alba air a bheil an t-ainm "Cala Ghearraidh".
![]() |
Air lùireach Oilthigh Calgary tha na faclan seo bho Salm 121: "Mo Shùile Togam Suas" Bha litir mu eachdraidh na lùirich seo ann an Gazette an oilthigh, 1999-01-25. (Agus seo lethbhreac dhi, gun fhios nach biodh an ceangal sin briste.) A dh'aindeoin a' bheachd a tha 'sa litir, tha mise a' smaoineachadh gur h-e Gàidhlig ghlan a th'ann. |