A Mhic Iain 'Ic Sheumais

[Fonn / Tune]



A Mhic Iain 'ic Sheumais,
Tha do sgeul air m'aire.
Air farail ail eò,
Air farail ail eò.

Gruaidh ruiteach na féileachd
Mar éibhil 'ga garadh.
Hi ò hi ri ho gi éileadh,
É ho hao rì i bhò,
Rò ho i o chall éile
Bhò hi ri ò ho gi ò ho.


Gruaidh ruiteach na féileachd
Mar éibhil 'ga garadh,
Air farail, [etc.]
O'n latha thug thu an cuan ort
Laigh gruaim air na beannaibh.
Hi ò hi ri ho, [etc.]

Laigh smal air na speuran,
Dh'fhàs na reultan salach.

Latha Blàr a' Chéithe
Bha feum air mo leanabh.

Latha Blàr na Féitheadh
Bha do leine salach.

Bha fuil do chuirp uasail
Air uachdar gach fearainn.

Bha fuil do chuirp chumhraidh
A drùdhadh ro' t'earradh.

Bha mi fhìn 'ga sùghadh
Gus na thùch air m'anail.

Bha 'n saighead 'na spreòd,
'N corp seòlta na glaine.

'S buideach mi dha'n léigh
Dh'fhàg do chreuchd cho fallain.

Ged a ghabh thu mùiseag
Gus na bhrùth thu 'm balach.

Cha do ghabh thu bristeadh,
Làmh ligeadh na faladh.

Chuir iad thu 'n taigh glaiste,
Far nach fhaic mi uam thu.

Ann an eilein ìseal,
Eadar Niall is Ailein.

An eilein lom fuaraidh,
Gun luachair, gun bharrach.

Chan iarradh tu cluasag,
Ach bruaich am biodh gainneamh.

Chan eagal leam dìth dhut,
Ach sìoban 'gad dhalladh.

'S nam biodh agam dorsair
Gu fosglainn a-mach thu.

No gille math iuchrach,
A thruiseadh na glasaibh.

Nam biodh agam curaidh,
Gun cuirinn far chuan i.

Is gille math turuis
Bhiodh furachail uaithe.

Fiach am faighinn naidheachd
No brath an duine uasail.

No 'm faighinn beachd sgeula
Air Mac Sheumais a' chruadail.

Cha téid mi dha'n choillidh
Bhuain chnothan no chaor seileach.

Bha 'n raineach a' ruadhadh,
'S bha 'n luachair gun bharrach.

Mu Mhac Iain 'ic Sheumais,
Duine treubhach, smiorail.

Bu cheannard ro'n t-sluagh thu,
'Dol suas ro' thìr aineoil.

Le claidheamh geur cruadhach
'S dé! Cha d'fhuaireadh sgann air.

'S càirdeach a Rìgh Leòdhais
Mo leòghann glan, uasal.

Mac Leòid anns na Hearadh
Ge caraid e, 's fuar e.

'S càirdeach tha mo leanabh
Shìol Ailein mhic Ruairidh.

A Mhic Iain 'ic Sheumais,
Tha do sgeul air m'aire.