A Shiùdaig Mhór A Dh'Fhalbh Sinn
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fal ithill éileadh ó-ro,
Hò rò hi rithill ó-ro,
Fal ithill éileadh ó-ro,
A Siùdaig Mhór a dh'fhalbh sinn.
Gur mise tha fo phràmh dheth,
A' fuireach anns a' Bhràighe,
Gun duin' agam nì rium càirdeas,
Cha phàigh e dhomh bhi falbh as.
Tha Nollaig a' tighinn dlùth dhuinn,
'S bidh Froilig na Bliadhn' Ùir ann;
Gè b'e a ghabhas smùid ann,
Cha chuir e cùram orm-sa.
Ged bhithinn-sa air mo chòmhdach,
An ciste chaoil nam bòrdan,
Bidh feadhainn ann a dh'òlas,
'S a chosgas òr is airgead.
Tha feadhainn ann nach saoil sibh
A thig am bàs ro dhaor dhaibh,
'S cha toir iad as an t-saoghal
Ach léine chaol dha'n chamraig.
Ged rachainn dha'n tigh-òsda,
Is gillean gasda còmh' rium,
Gun dèanainn beagan òil ann
A dh'aindeoin monabail chailleachan.
Ma chì sibh fear is “spree” air
Is coltas air bhi miobhail,
Bidh siud air Dòmhnall Lìosaidh,
'S gu bheil mi sgìth dhe'n t-seanachas.