Ailean Dubh à Lòchaidh

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
'S toil leam Ailean Dubh à Lòchaidh,
Mo ghaol Ailean Dubh a' chòta;
'S toil leam Ailean Dubh à Lòchaidh.


Ailein, Ailein, 's ait leam beò thu.

Sguab thu mo sprèidh bhàrr na mòintich,

Loisg thu m'iodhlann chorca is eòrna,

Mharbh thu mo thriùir bhràithrean òga,

Mharbh thu m'athair is m'fhear pòsta.

'S ged rinn thu siud 's ait leam beò thu.