Am Bàta Rannach

[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Ochòin a rì ri ò ro,
Ochòin a rì ri ò ro,
Ochòin a rì ri ò ro,
O rò 's cian o'n dh'fhalbh sinn.


Tacan mu'n do ghluais sinn
Dh'èirich gealach ghruamach,
Baidealach, trom, uaine,
'S i buairte gu soirbheas.

Nuair a rinn sinn seòladh
Dhùin gu dlùth na neòil oirnn;
Chan fhaiceamaid ach ceòban
Le còbhragach na fairge.

A' dol troimh chuan na h-Eireann,
Sruth is muir a' streup ruinn,
Is truagh nach robh mi 's m'eudail
Le chèil' am Port na h-Abhainne.