Am Fonn

[Fonn / Tune]



O siud am fonn a chuala mi,
An uair a bha mi òg,
Mi 'n cluain ri uchd mo mhàthar
'S mo chridhe 'snàmh 'na ceòl;
'S nuair chuala mi a rithist e
Aig nighinn ghil nam bò,
Gu'n thàladh i mo chridhe leis
'S mi mireagaich mu'n chrò.


Bu tric o sin 'ga chlàistinn mi,
Mu eadradh àrd-thra nòin,
'S mi beadradh, air an àiridh,
Ri mo Mhàiri àillidh òig;
No feadh nan glacag fàileanta,
'S an tàrladh dhuinn, gun ghò,
'Bhi coinneachadh, gu mànranach,
Fo sgàilean Choill-nan-cnò.

Ach b'èiginn dhomhs' an àiridh
Agus Màiri 'chur air chùl,
Is siubhal fad' o'n àite sin
'S an robh mo ghràdh is m'òigh,
A sheasamh anns na blàraibh
'N aghaidh nàmhaidean ar dùthch',
'S an làtha dh'fhàg mi m'Bhràighe,
Rìgh, bu chràiteach m'aigne brùit'.

O siud am fonn a chuala mi,
'S a chuaileanaich mu 'm chridh',
A 's tric a dhùisg dhomh sealladh
Air mo leannan 's air mo thìr;
An uair a bhithinn airtnealach
'N am chairtealan, le sgìos,
Gu'n taislicheadh e m'anam
'Nuair a chanainn e leam fhìn.

Ach thog am fonn an tràth-seo dhomh
Fàth cànrain agus bròin;
Oir dhùisg e ìomhaigh Màiri
Is mo mhàthar, 's iad fo'n fhòid;
Gach caochladh agus sàrach
Thàinig air na Gàidheil chòir,
O 'n àm 's na bhuail an dàn ud mi
Le gràdh, nuair bha mi òg.