An Ataireachd Ard

[Fonn / Tune]



An ataireachd bhuan, cluinn fuaim na h-ataireachd àird;
Tha torann a’ chuain mar chualas leam-s’ e nam phàisd,
Gun mhùthadh, gun truas, a’ sluaisreadh gainneamh na tràgh’d;
An ataireachd bhuan, cluinn fuaim na h-ataireachd àird.

Gach làd le a stuadh cho luaisgeach, farumach bàn,
’N a chabhaig gu cruaidh ’s e gruamach, dosrach, gun sgàth,
Ach strìochdaidh a luath’s aig bruaich na h-uidhe bh’aig càch,
Mar chaochail an sluagh bha uair ’s a’ bhaile-sa tàmh.

’S na coilltean a siar chan iarrainn fuireach gu bràth;
Bha m’inntinn ’s mo mhiann a-riamh air lagan a’ bhàigh;
Ach iadsan bha fial an gnìomh, an caidreabh ’s an àgh,
Air sgapadh gun dìon mar thriallas ealtainn ro nàmh.

Seileach, is luachair, cluaran, muran, is stàrr
Air tachdadh nam fuaran ’n d’fhuair mi iomadh deoch-phàit;
Na tobhtaichean fuar’ le bualan, ’s cuiseag gu’m bàrr,
’S an eanntagach ruadh fàs suas ’s a’ chagailt bha blàth.

Ach siùbhlaidh mi uat, cha ghluais mi tuilleadh ’nad dhàil;
Tha m’aois is mo shnuadh ’toirt luaidh air giorrad mo là;
An àm dhomh bhith suaint’ am fuachd ’s an cadal a’ bhàis,
Mo leabaidh dèan suas ri fuaim na h-ataireachd àird.