An Caióra

[Fonn / Tune]



Nuair a chaidh sinn uil' air bòrd innt'
Cha do chòrd i idir ruinn;
Cha robh cùisean idir dòigheil
Oir bha 'm bòsun air an dram;
Thug an sgiobair dhuinn an t-òrdugh
Leigeil as gach ròp is ball,
'S thàinig Pilot steach air bòrd innt'
'S rinn i seòladh sìos an Clyde.

Nuair a sheòl i mach á Glaschu
Air Di-Sathuirn gu math tràth,
Chuir i cùrs air fearann Shasuinn
'S leig sinn soraidh le gach àit;
Leig sinn soraidh le na h-eòlaich
Bha gu brònach crathadh làmh,
'S ged bu duilich b'eudar seòladh
'S an Caióra dol gu sàl.

Bha MacAsgaill innt' á Gabhsunn,
'S feadh na h-oidhche 'se cho dorch,
E ri mionnan dhan a' chombaist
'S dha'n an roinn air robh i falbh;
Bha muir gorm aice mu gualainn
'S e toirt fuaim oirre bha garbh,
'S nuair a chaidh e chun na cuibhle
Stiùir e cuinnlean dhan an stoirm.

Bha deagh chargaibh anns na tuill' aic'
Nam b'ann leam a bhiodh e 'n dràsd!
Bha an t-uisge beath' 's an leann ann
Air an cunntadh stuth a b'fheàrr;
Nam biodh e agam ann an Gabhsunn
Gus a roinn a mach am pàirt,
Cha bhiodh duine 'n eilean Leódhais
Nach biodh sunndach aig “Dewar”.

O 'se thusa, fhaoileig bhòidheach,
Tha ri seòladh os mo chionn,
Ma thadhalas tu dùthaich m'eòlais,
'Se sin Steòrnabhagh an Leódhas,
Innis dhaibh gu bheil an Caióra
Seòladh aotrom bàrr an tonn,
'S i ri dèanamh cùrsa dìreach
Air na tìrean fada thall.