An Cluinn Thu, Mo Nighean Donn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
An cluinn thu, mo nighean donn?
Éisd' is thoir an aire dhomh;
Tha móran ann am barail
Gur a h-òg an leannan dhomhs' thu.


'S ann an tìr nam beann a dh'àraicheadh
Mo chruinneag ghrinn nam blàth-shùilean,
Far an tric an robh mi mànran rith'
'S a thug mi gràdh glé òg dhi.

Chan eil cron ri inns' oirre;
Gur banail, beusach, fìnealt i.
'S e cruth is dealbh na h-ìghneig ud
A chuir mi fhìn an tòir oirr'.

Gur tric mi oirre smaoineachadh
'S ag aisling nuair nach saoil mi e,
'S an gaol thug mi cha chaochail e
Do'm chailin chaoimh, dhuinn, bhòidhich.

O! 's truagh nach robh mi 'n tràth seo leat
An gleann an fhraoich mar b' àbhaist dhuinn.
'S ged bhithinn tinn bu slàinte dhomh
Bhith 'g èisteachd, ghràidh, rid chòmhradh.

Ach rinn do chàirdean tàir' orm,
A chionn nach b' e fear-àitich mi,
'S o nach robh sprèidh is bàrr agam,
Gun do dhiùlt do mhàthair dhomhs' thu.

Bheirinn gùn den t-sìoda dhut,
Is bheirinn breacan rìomhach dhut,
'S a nàile, leughainn 's sgrìobhainn dhut
'S cha leiginn dìth do lòin ort.

Ach nuair a thig an samhradh oirnn
Gun tèid mi sgrìob a shealltainn oirr',
Is O, gum faic mi m' annsachd ann,
'S gun taing, gum faigh mi còir oirr'.