An Cùl Bachalach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
B'e siud an cùl,
Seo an cùl bachalach;
B'e siud an cùl.


Nuair a bha mi òg 's ri uaill,
'S e dhol a luaidh a b'aite leam.

Siud an cùl bha bachlach dualach
Or-bhuidhe cuachach cais-bhuidhe.

Is, a Mhàrtainn duinn an Dùine,
'S tu mo rùn nam faicinn thu.

B'fheàrr leam gun tigeadh tu 'n tìre,
Ma tha thu sgìth de'n Mhachaire.

'S ma bhios tu siubhal nam frìthean,
'S cinnteach leam gun tachair sinn.

'S tric a bha mi 's tu ri cluaineas
Mach aig buailtean Lachasaidh.

'S meangan thu de'n chraoibh as àille:
Bu tràth, a ghràidh, a dh'abaich i.

Ma bhios tu siubhal nam fuar-bheann,
Thoir sùil bhuat 's am faic thu mi.

Ach, a Mhàrtainn duinn 'ic Dhòmhnaill,
Rinn do phòsadh acaid dhomh.

Ma théid thu dh'iarraidh mnà uasail,
Na toir tuasaid dhachaidh leat.

Ma bheir thu bean à Sìol Leòid,
Gun iarr i mòran fhasanan.

Ma bheir thu bean à Sìol Thormoid,
Marbhaidh i le macnas thu.

'S ma théid thu dh'Uibhist an eòrna,
Thoir bean bhòidheach dhachaidh leat.

Thoir dhachaidh às té shocair chiallach,
'Riaraicheas na Caipteanan.

Thoir dhachaidh i, té shocair chiùin
A dh'ionnsaicheas mo mhac-sa dhuit.

Té bhios math air an t-snàthaid,
Snìomh is càrdadh 's calanas.

Ach ma sheallas i le feirg ort,
Gu ma mairg thug dhachaidh i.

Ach ma bhuaileas i le fuath thu,
Cuir gu luath do'n chlachan i.

Ach ma thionnd'as i ga bhualadh,
Mo thruaighe thu thug dhachaidh i.

Ach ma thionndaidheas i le gràdh,
Cum gu blàth fo d'achlais i.

Blas an t-siùcair air do phògan;
Cainnt do bheòil 's docha leam.