An Eala Bhàn


Gur duilich leam mar a tha mi, 's mo chridhe 'n sàs aig bròn,
Bho'n an uair a dh'fhàg mi beanntan àrd a' cheò;
Gleanntan a' mhànrain, nan loch, nam bàgh 's nan òb,
'S an eala bhàn tha tàmh ann gach là air'm bheil mi 'n tòir.

A Mhagaidh na bi tùrsach, a rùin, ged gheibhinn bàs,
Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uileadh ach air chuairt mar dhìthein buaile fàs;
Bheir siantanan na bliadhna sìos 's nach tog a' ghrian an àird.

Mas e 's gu bheil e 'n dàn dhomh o'n bhlàr gun till mi beò,
Is gum faic mi 'n t-àite san deachaidh m'àrach òg,
Bidh sinne 's crathadh làmh againn is bilean blàth toirt phòg,
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut le fàinne chur mu d' mheòir.

Oidhche mhath leat fhèin, a rùin, 'nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
Cadal sàmhach air a chùl 's do dhùsgadh sùnndach, slàn;
Tha mise 'n seo san truinnsidh fhuair 's 'nam chluasan fuaim a' bhàis,
Gun dùil ri faighinn às le buaidh -- tha'n cuan cho buan ri shnàmh.