An Gaol A Thug Mi Og

[Fonn / Tune]



’Sa mhaduinn Chéitein nuair tha’n drùchd
Cho ciùin air bhàrr an fheòir;
’S na lusan maoth cho maiseach, ùr,
A’ dùsgadh suas ’na glòir;
’S a’ ghrian a’ boillsgeadh air an gnùis,
Mar sheudan mùirneach òir,
Tha sin gu tric a’ toirt gu’m smuain
An gaol a thug mi òg.

Nuair chì mi ’n spréidh a’ ruith ’s a’ leum
Le éibhneas air na lòin,
’S a chì mi smeòrach bhinn nan geug
’S a céile fhéin ’na còir;
Ag ullachadh a cuachaig fhaoin
Do ’h-àlach maoth gun treòir;
Tha sin gu tric a’ toirt gu m’smuain
An gaol a thug mi òg.

Nuair chì mi ’n rìbhinn mhaiseach chiùin
Le rùn gun fhoill gun ghò,
’S a leannan gaoil do’n d’thug i ùidh
Le sunnd a’ buain nan ròs,
’S a chì mi ’n t-òigear fearail caomh
A’ seinn ri taobh na h-òigh, An gaol a thug mi òg.

Nuair chì mi ’ghrian an àird nan speur
’Na maise fhéin gun sgleò,
’S a’ gnùis a’ sgaoileadh gathan sèimh
Air sléibhtean gorm a’ cheò,
Ach nuair a dh’éireas neòil no gruaim
A mhùchas uainn a glòir,
Tha sin gu tric a’ toirt gu m’smuain
An gaol a thug mi òg.

Nuair chì mi sòbhrach mhìn nam bruach
’S a snuadh air dhreach an òir,
Gach doire ’s allt a’ seinn le buaidh
Is luathghair aig na h-eòin;
Ach nuair a thig an dùdlachd fhuar
A sheargas tuar gach pòr,
Tha sin gu tric a’ toirt gu m’smuain
An gaol a thug mi òg.

Faodaidh lusan éirigh suas
Tha ’n diugh ’nan suain fo’n fhòid,
’S nuair thig an samhradh sèimh mu’n cuairt
Bidh luathghair aig na h-eòin;
Thig iomadh caochladh oirrn nach saoil
’S cha bhi iad saor o bhròn;
Tha sin gu tric a’ toirt gu m’smuain
An gaol a thug mi òg.