An Gille Bàn
[Séisd:]
Mas ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a tha thu,
Mas ann 'gam mhealladh, as dèidh do ghealladh,
'Se, luaidh, do mholadh nì mi gu bràth,
Mas ann 'gam mhealladh, a ghaoil, a bha thu.
Chunnaic mis' thu air a' bhuaile
Agus ribhinn òg ri d'ghualainn;
Saoil sibh fhéin nach mi bha truagh dheth
Nuair rinn mi suas ris a' ghille bhàn.
Ged a gheibhinn-sa mac duin' uasail
Agus mìle crodh-laoigh air bhuailtibh,
Gum b'fheàrr leam cadal an lagan uaine
Air leabaidh luachrach le m' ghille bàn.
Ged a gheall thu mise phòsadh,
'S ged a dh'fhàg thu 'n diugh mi brònach,
Guidheam dhutsa a chaoidh gach sòlas
Cho math ri òg-bhean a bheir dhut gràdh.