An Gille Donn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O ho rò 'ille dhuinn,
'Ille dhuinn bhòidhich,
O ho rò 'ille dhuinn.


Gura mis' tha fo mhulad
Giùlan cuilbhear Rìgh Deòrsa.

Mi bhi 'giùlan a' ghunna,
Ann an cuideachd a' Chòirneil.

Thàinig litir nach b'éibhinn
A Dùn Eideann 'nar còmhdhail.

Fhuair sinn òrdugh a bhi “màrsadh”,
Gu sràid nan ceum còmhnard.

Gu sràid nan ceum socrach,
Nach dochainn ar brògan.

Gu sràid na ceum cuimir
Far an cruinnich an còmhlan.

Bha “fife” fhuaimneach is druma
'Gar cumail an òrdan.

Dol air bòrd ann an Lìte,
'S rinn sinn cinnteach as seòladh.

'S ann air feasgar Di-Sathurn'
Chaidh ar cur ann an òrdan.

'S iomadh sruthan gan thruailleadh
Ruith mu ghualainn Chlann Dhòmhnaill.

Agus sruthan glan soilleir
Ge b'e shloinneadh air chòir iad.

O mhullaich an guailleadh
Gu cluasan am bròigeadh.

Nuair a rinn mi moch gluasad
Chunna mi'm bruadar a bha neònach.

Luchd nan còtaichean ruadha
'G an cur suas an deagh òrdan.

Luchd nan còtaichean dubha,
Chùil bhuidhe, chruinn, chòmhnaird.

Luchd nan còtaichean tartain,
'S iad gu sgairteil-e, seòlta.

Luchd nan claidheamhan geala,
Chìte fada fo cheò iad.

Luchd nan còtaichean madair
Iad 's an àraich gun deò annta.

Luchd nan còtaichean gearra
'Gan cur fairis dha'n Olaind.

'S ann air bancannan Lunnainn
Chuir iad “colours” a' bhròin orm.

'S ann air bancannan Lite
Fhuair sinn cinnt air bhith seòladh.

Dol a null do na h-Innsean
Far nach till sinn ri ar beò as.

'S ann air feasgar Di-Sathuirn'
Thug sinn cath a bha deònach.

'S iomadh té bha gun chéile
'N àm éirigh Di-Dòmhnaich.

'S iomadh mathair bha duilich
Agus piuthar bha brònach.

Agus nighean fear fearainn
Bhios 'n a laighe 'n a h-aonar.

Bean òg air a cluasaig
A' bruadail, 's cha neònach.

An déidh a céile thoirt uaipe,
'S nach fuasgaileadh òr e.

E 'n a shìneadh 'san luachair
'S fuil mu ghualainn a' dòrtadh.

E fo fhùdar, no 'n “cannon”,
Call fala le dòruinn.

Beir mo shoraidh 's mo shoraidh
'S ciad shoraidh gu m'eòlais.

Thoir uam soraidh thar mhonaidh
Gu Muile nam mórbheann.

Far an goireadh a' chuthag
Anns gach bruthach roimh Bhealltuinn.

Thoir uam soraidh gu m'mhàthair,
'S i dh'àraich glé òg mi.

Soraidh eile gu m'phiuthar,
Tha i cumha gu brònach.

Is an t-soraidh gu m'leannan:
Théid mi dhachaidh mas beò mi.

Cha do dhealaich sinn idir,
Tha do litir 'nam phocaid.

'S mo bheannachd leibh uile,
'S do Mhuile 's do Mhórar.