An Gille Donn (II)
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S mise tha fo mhìngean mu'n ghille dhonn,
Òigear nan sùil mìogach a dh'fhàg m'inntinn trom;
'S mise tha fo mhìngean mu'n ghille dhonn.
'S mise tha gu galach
Bho thòiseach an earraich,
Thug mi gaol a mhaireas
Do mharaiche nan tonn.
Mo cheist air an àrmunn,
Làmh stiùireadh a' bhàta;
Gheobhainn cadal sàmhach
Leat air bàrr nan tonn.
Dh'fhalbh thu air an t-slighe
Gun dùil ri thu thilleadh;
Òigear a Chloinn Iain,
Dh'fhàg mo chridhe trom.