Baile na Traghad


[Fonn / Tune]



O, 's àlainn an t-àite
Th'agam 'n cois na traghad,
Nuair thig e gu bhi àiteach ann
Leis a' chrann, leis a' chrann, O.

Nì mi 'n t-aran leis na gearrain
'S an crodh-bainne chur mu'n bhaile,
'S cha bhi annas oirnn 's an earrach,
Chuirinn geall, chuirinn geall, O.

O 's fraoidhneasach, daoimeanach,
Glan mar sholus choinnlean,
Am bradan le chuid shoillseanaich,
Anns gach allt, anns gach allt, O.

Mear ri mire, leum na linne,
'S bòidheach milis leam do ghile;
'S iomadh gille bhios 'gad shireadh,
Anns an àm, anns an àm, O.

O 's cùbhraidh na smùidean
A bhios dhe'n taighean siùcair,
Craobhan troma dlùth dhaibh
'S iad gun mheang, 's iad gun mheang, O.

Bidh pìobaireachd is fidhleireachd
Againn là Fheill Mhìcheil;
Cluinnear sin air mìltean
Nach bi gann, nach bi gann, O.

Na fir shona, 'n am na Nollaig
Bheireadh dorus air na sporain,
'S dhèanadh frolic nach biodh dona
Leis an dram, leis an dram, O.