Bidh Seumas Leam An-Nochd
[Fonn / Tune]
Thoir dhomh mo chìr, thoir dhomh mo ghùn,
Thoir dhomh mo thrusgan bòidheach, ùr;
'S mi faicinn long air bhàrr nan tonn,
'S i stiùireadh dìreach air an fhonn;
Bidh mise feitheamh air an tràigh
Gus an tig mo ghaol air tìr le càch.
Cha ghabh mi biadh, 's cha dùin mo shùil,
Gus am faigh mi sealladh air mo rùn:
'S bidh Seumas leam an-nochd.
Carson, a thonna beucach, borb,
Tha sibhs' a' leum cho àrd le colg,
A' cumail bacaidh air mo ghràdh,
'S mi fuar 'ga fheitheamh air an tràigh?
Tha fuaim bhur guth cho tiamhaidh, trom
A' dùsgadh mulaid 'na mo chom;
Air eagal gu'n caill an long a h-iùl
Gu'n las mi solus air an Dùn;
'S bidh Seumas leam an-nochd.
Thig thus', a ghaoth an iar, gu tlàth;
Do chaileig bhochd nach nochd thu bàigh?
Carson a shéideas tu cho cruaidh,
'S tu cumail Sheumais fada bhuam?
Tha eòin nan speur air dol gu tàmh;
Chan fhaic mi long, 's cha chluinn mi ràmh,
Is chaill mi sealladh air na siùil;
Ach ged a chaill, cha toir mi dùil;
'S bidh Seumas leam an-nochd.
Thoir dhomh mo chìr, thoir dhomh mo ghùn,
Thoir dhomh mo thrusgan bòidheach, ùr,
Gu'm feum mi falbh an nochd car tràth,
'Se thall 'gam fheitheamh air an tràigh,
'S mi faicinn lùchairt mhaisich, ghrinn
Air ullachadh dha féin 's dhomh fhìn;
Tha ceò a' tuiteam air mo shùil,
Ach tha mi cluinntinn fuaim a' chiùil:
'S bidh Seumas leam an-nochd.