Blàr na h-Eiphit


Carson nach tòisichinn sa' champa,
Far na dh'fhàg mi clann mo ghaoil,
Gun d'thog sinn taighean samhraidh ann
Le barrach mheang nan craobh;
Bu sòlas uaibhreach ceannard
A bhi gluasad ri uchd naimhdean ann,
'S a dh'aindeoin luaidhe Fhrangaich
B'aobhar dannsa bhi ri'r taobh.

'S ann air Diardaoin a dh'fhàg sinn
Ar sàr chàbhlach fad air chùl,
Nam faigheamaid rian snàmha dhaibh,
Bu làidir iar 'n ar cùis,
Lean Mac-a-Ghobha càirdeil ruinn,
'S gum b'fhoghainteach a bhàtaichean;
A dh'aindeoin gleadhraich nàmhaid,
Chum e smàladh air an sùil.

Stad sinn ré na h-oidhche sin
Gu léir an cuim nan arm,
Bha leannan féin gu maighdeanail
Fo sgéith gach saighdear, balbh,
Nan tigeadh feum no foighneachd oirr'
'S gun tugteadh aobhar bruidhne dhi,
Bu neimheil an spéic phuinseanta
Bho'n bheul bu chinntich sealg.

Cho ullamh ris an fhùdar
A bha dol 'na smùid m'ar ceann,
Ghluais na gillean lùthchleasach,
Air mhire null do'n ghleann;
Thug sinn le teine dùbailte
Bristeadh air na trùpairean,
Bha Greumach nan euchd fiùghantach,
'S cha d'éisd iad mùiseag lann.

'N àm propadh ris an nàmhaid,
Sinn 'g an smàladh anns a' cheò,
Las a' bheinn mar àmhuinn ruinn,
A' barcadh na prais oirnn;
Shaol sinn gur h-i Vesàvius
A sgàin bho bonn le tàirneanaich,
Airm chaola b'fhaoineis làmh rithe,
'S a craos na chaoir tigh'nn beò.

Dh'aindeoin a h-àrd bhùrainich,
Bha làidir, mùiseach, garbh,
Ge b'oil leis an cuid trùpairean,
Am brùchadh rinn an arm;
Ged fhuair sinn beagan diùbhalach,
A lughad cha do lùb sinn dhaibh,
Bu lìonmhor marcach cùl-donn diù
Fo'r casan, brùite, marbh.

Thug iad 'n cùl 's cha mhasladh dhaibh,
Chuir casgairt iad 'nan teinn,
Sinn 'g an sgiùrsadh do na fàsaichean
'S gach taobh na las a' bheinn;
Thionndaidh gach cùis taitneach dhuinn,
Bho bhonn a cùil 'sa cas-mhullaich,
Cha d'fhuirich gnùis dhiubh 'ghleachdadh ruinn
Nach do bhrùchd a-mach 'na still.
...
Is cas a throm an ruaig orra,
Cho cruaidh 'sa chualas riamh,
Bha Abercrombie suas riutha
Le shluagh a dh'fhuasgail fial;
Mur bhith am baile 'bhuannaich iad,
Le cannoin air a chuartachadh,
Bha barrachd dhiubh 's na h-uaighichean
'S a dh'fhuaraich air an t-sliabh.

Thàirneadh gàradh làidir
'Dh'arm tàbhachdach nach strìochd,
Mu choinne Alexandria,
Air àirde Aboukier;
Nuair ràinig sinn an làrach sin,
'S a dhealaich mi ri m'chàirdean ann,
'S ann ghiùlain iad gu m'bhàta mi
'S fuil bhlàth fodh'm air an fheur.

Tha 'n dà Bhaiteal àraidh
An deadh Ghàidhlig ann am chuimhn',
Chan e 'n treas fear bu tàire,
'S math a b'fhiach e bàrd 'ga sheinn;
Tha mi 'sa cheaird air mhàgaran,
Chan fhilidh no fear dàna mi;
Na dh'innis mi cha nàir leam e,
Co chluinnear c'àit' an d'rinn.