Boch Oirinn O

[Fonn / Tune]



’S truagh a rìgh, nach mi bha thallad O,
Anns an tìr ’s am bheil mo leannan O.


[Séisd:]
Boch oirinn o,
Boch oirinn, oirinn,
Boch oirinn o.


Anns an tìr ’sam bheil mo leannan O,
Tìr nam beann, nan gleann ’s nam bealaichean.

Tìr nam beann, nan gleann ’s nam bealaichean,
Eòin air géig is féidh ’s an langanaich.

Eòin air géig is féidh ’s an langanaich,
Far am biodh na h-uaislean d’an dual a bhi barrasach.

Far am biodh na h-uaislean d’an dual a bhi barrasach,
Rachadh do’n bhlàr ’n coinneamh nàmhaid mar dhealanach.

Rachadh do’n bhlàr ’n coinneamh nàmhaid mar dhealanach,
Bha mo leannan fhéin ann ’s gur beusach fearail e.

Bha mo leannan fhéin ann ’s gur beusach fearail e:
’S truagh nach mi bha seòladh thairis leat.