Bu Deònach Leam Tilleadh


[Fonn / Tune]


[Séisd:]
Bu deònach leam tilleadh, bhith tilleadh, a' tilleadh,
Bu deònach leam tilleadh a rithist do'n Chùl;
Dhol a shealltainn na cruinneig a dh'fhàg mi fo mhulad,
Bu taitneach leam fuireach an cuideachd mo rùin.


Ged tha mi am bliadhna iomadh mìle an iar uaibh,
Ri ànradh is riasladh, chan fhiach mi na's fheàrr;
Cha do leig mi air dìochuimhn' an comunn bha ciatach,
B'e m'aighear 's mo mhiann a bhi shìos leibh an dràsd.

Gur muladach tha mi gach là o'n a dh'fhàg mi,
Chan eil sunnd orm an dràsda làmh thoirt air ceòl;
Chan eil agam de bhàrdachd a dh'innseas an dàn dhuibh,
Gach buaidh th'air an àit' 's an deach m'àrach glé òg.

'S e Ceap Breatainn an t-àite bu mhiann leam bhith tàmhachd,
An t-eilean as àille tha fo na neòil;
Le thulaichean àrd thoirt dhuinn sealladh thar sàile,
Air an lìonmhor bheil bàta air a càradh fo sheòl.

Nuair a thigeadh an samhradh bu bhòidheach 's an àm sin,
An duilleach air chrann cur nam beanntan 'n an glòir;
Air raointean nan gleanntan, gach lusan 's neòinean,
Gu gucagach, cromcheannach, fannabhuidh' 's gorm.

Chluinnte smeòrach bhàrr gheugan 's an ògmhaduinn chéitein,
Seinn luinneagan eutrom 's a céile 'n a còir;
Air cnuic agus réidhlein, uain òga ri leumnaich,
A' ghrian 's i air éiridh cur spéirid 's gach pòr.

An dubhlachd a' gheamhraidh bhiodh aighear gun ghanntair;
Nuair chruinneachadh an dream dhéanadh danns' agus ceòl;
Gu saoil mi 's an àm seo gu faic mi 's an t-seòmar
A' chuideachd bhiodh ann leam 's iad baindidh 'n an dòigh.

Thigeadh bodaich air chéilidh, 's bu mhiann leam bhi 'g éisdeachd
Mar dh'innseadh iad sgeul air gach treunfhear bha thall;
Mar sheas iad ri chéile anns gach cruaidh chàs is éiginn,
Nach robh nàmhaid fo'n ghréin nach do ghéill d'an cuid lann'.

Mo bheannachd do'n àite gur truagh rinn mi fhàgail,
Nam bithinn an dràsd' ann chan fhàgainn ri m'bheò;
Ma thilleas mi sàbhailt' nì mi fuireach gu bràth ann,
Gheibh mi conaltradh chàirdean mar b'àbhaist 'sa ghleann.