Cadal Chan Fhaigh Mi
[Fonn / Tune]
Cadal chan fhaigh mi, sùgradh cha dèan mise,
Nochd chan fhaigh mi 'n tàmh, 's gun thu ghràidh a' tighinn.
H-uile h-oidhch' tha mi smaoineachadh gun tig thu
Gu mo leabaidh fhìn, 's aonaranach mise.
Cha b'ann dubh no ruadh a bha luaidh mo chridhe,
'S ann a bha e bàn, àilleagan nan gillean.
'S tu bu ghruime sùil, 's tu bu dùbailt cridhe,
'S tu bu bhinne cainnt, ris na rinn mi bruidhinn.
Chuala mise sgeul a thug deur bho m' chridhe,
Thu bhi falbh a-null 's gun do dhùil ri tilleadh.
Sgrìobhadair le peann, leughadair na duilleig,
Maraiche nan tonn, chuireadh long fo h-uidheam.