Mo Chailin Dìleas Donn
[Fonn / Tune]
Guma slàn a chì mi
Mo chailin dìleas donn;
Bean a' chuailein rèidh
Air an deise dh'èireadh fonn;
'S i cainnt do bheòil bu bhinne leam
An uair bhiodh m'inntinn trom;
'S tu thogadh suas mo chridh-sa
Nuair bhiodh tu bruidhinn rium.
Gur muladach a tha mi
'S mi nochd air àird a' chuain;
'S neo-shunndach mo chadal dhomh,
'S do chaidreamh fada bhuam;
Gur tric mi ort a' smaointeach
As t'aogais tha mi truagh,
Is mur a dèan mi t'fhaotainn
Cha bhi mo shaoghal buan.
Sùil chorrach mar an dearcag,
Fo rosg a dh'iadhas dlùth;
Gruaidhean mar an caorann,
Fo'n aodann tha leam ciùin;
Mur d'aithris iad na breugan
Gu'n d'thug mi fhéin dhuit rùn;
'S gur bliadhna leam gach latha
Bho'n uair a dh'fhàg mi thu.
Tacan mu'n do sheòl sinn
Is ann a thòisich càch
Ri innseadh do mo chruinneig-sa
Nach tillinn-sa gu bràth;
Na cuireadh sud ort gruaimean,
A luaidh, ma bhios mi slàn
Cha chum dad idir uait mi,
Ach saighead chruaidh a' bhàis.
Tha 'n t-ainm a nise ceangailte
Gu daingeann agus teann;
Is their iad, luchd-na-fanaid, rium
Nach eil mo phrobhaid ann;
Am fear aig am bheil fortan,
Tha crois aige 'na cheann;
'S tha mise taingeil toilichte,
Ged tha mo sporan gann.
[Eachann Mac Coinnich]