Cailin Mo Smuain

[Fonn / Tune]



Cailin òg, reul nan ainnir,
Gruagach mhaiseach, sgeul mo dhàin --
'S e mo rùn bhith far an suidh thu,
Miann mo chridh' bhith leat gach là.

B'aoibhneach sinn am blàth na h-òige,
Sunndach, sòlasach gach là,
Leum 's a' ruaig, a' seinn 's a' còmhradh --
B'àrd ar seirm 's bu bhinn ar gàir'.

Tha do ghruaidh mar ubhal bhiodh abaich,
Do dheud geal mar chanach blàir,
Do chùl dualach donn mar darach
'S do shùil ghorm mar thonn na tràigh.

Tha do ghuth mar cheòl na fidhle,
Tha do chridh' làn gean is gràidh,
Tha do nàdar bàidheil uasal
Is do ghluasad suairc a ghnàth.

Mar a dh'fhàsas clann nan daoine,
'S iomadh caochladh thig nan gnàth,
Ach am feasd cha chlaon mo ghaol-sa --
Bidh mi dìleas dhut gu bràth.