Càrn Air a' Mhonadh


Togaibh an t-Arannach 's fàgamaid Ile,
Togaibh o'n talamh e, Aonghas, mo ghràdh-sa,
Togaibh an t-Arannach 's leigibh a sìos e,
Arainn 's an t-sealladh dhuinn, togaibh an càrn.

Togaibh an carragh, gach caraid is dìleas,
Togaibh an carragh air mullach Bheinn Bhàin,
Togaibh an carragh air talamh nan Ileach,
Arainn 's an t-sealladh dhuinn, togaibh an càrn.

Dhachaidh do dh'Arainn, o dèanaibh a ghiùlan,
Esan bha airidh air cliù anns a' bhlàr;
Ruigibh an cala is greasaibh an iubhrach,
Is rachadh i thairis le Aonghas, mo ghràdh.