Cha Labhair Mi 'N t-Òran

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
I hoireann ó ho ro,
I hoireann ì ù o,
I hoireann ó ro ho.


Cha labhair mi 'n t-òran,

Cha mheòraich mi 'm facal,

'S mi 'n leabaidh am ònar,

'S mi 'g ionndrainn mo leannain:

Fleasgach fearail ciùin eòlach,

Fear a chinneadh Mhic Cailein

Thig o thalla nan ròiseal;

Ach nam faighinn air m'òrdugh,

Bu leat Ceapach na Sròine

Le a cnocaibh 's le leòdaibh,

Gu corca, gu eòrna,

Gu peasair, gu pònair.

Dhia, beag a' ghaoth làidir,

Gun tigeadh na bràithrean,

Fear Bhorghraidh 's Fear Bhàlaidh,

Fear Heisgeir an t-sàile,

Fear òg Taigh-a'-gheàrraidh,

'S Fear Ghriminis slàn dhiubh.

Mìle soiridh, ciad fàilte

Bhuam gu Màiri 's a faicinn,

Gu bean òg a' chùil dualaich,

'S nan gruaidhean dearg daithte;

'S tric a bha mi 's tu, Mhàiri,

Air àirigh le 'r martaibh,

Dèanamh ìm agus chàise,

Toirt na blàthcha gun cheannach,

Muigh air àirigh na buaile,

Sopag luachrach 'na dorus,

Muigh am bothag an t-sùgraidh,

'S gun 'ga dùnadh ach barrach;

Ann an gleannan àrd fiadhaich,

Mharbhte fiadh is laogh breac ann,

Coileach dubh air bàrr géige,

'S moich' a dh'éibheadh ro' latha;

Thigeadh féidh anns a' bhùireadh

'Gar dùsgadh le 'n langan,

Thig gach ian anns an dùrdail

'Gar dùsgadh ro' n latha,

Bhiodh a' chuthag 's gug-gùg aic',

'Seinn a ciùil dhuinn air chrannaibh.