Cha Téid Mi Do Dh'Fhear Gun Bhàta

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Cha téid mi do dh'fhear gun bhàta,
Fear a' chòmhraidh chiùin as fheàrr leam,
Cha téid mi do dh'fhear gun bhàta.


Cha téid mi chiobair nam fuarbheann,
Cha taobh mi buachaille an fhàsaich.

Cha téid mi shealgair a' choilich,
Moch a ghoireas e 'san fhàsach.

Cha téid mi dh'iasgair na h-abhuinn,
Chunnaic mi fear dhiubh 'ga bhàthadh.

Cha téid mi do shaor nan cuman,
Cha taobh mi truimeir na clàrsaich.

Cha téid mi do shaor na locrach,
Gur neoshocair nì e m'fhàgail.

Cha téid mi a ghille na fidhle,
Feumaidh e 'n teud bhinn a chàradh.

Cha téid mi idir dha'n phìobair',
Bidh e cur a bhrìgh 'sa mhàla.

Cha téid mi thàilleir nan cleasan,
'S bochd an teisteach leam an t-snàthad.

Cha téid mi idir dha'n ghriasaich'
Bidh na breugan a' comh-fhàs ris.

Cha téid mi idir dha'n t-saighdeir,
Bidh e dol le mhusgaid 's gach àite.

Cha téid mi mhuilleir an t-sadaich,
Cha lig e leam cadal sàmhach.

Cha téid mi do dh'fhear am bliadhna
Bhios 'gam iarraidh comh' ri mhàthair.

'S mór gum b'annsa leam ri m'ghualainn
Tuathanach, 's e 's buaine laithean.