Chan Òl Mi Deur Tuille


[Séisd:]
Chan òl mi deur tuille, deur tuille, deur tuille,
Chan òl mi deur tuille, deur tuille de'n dram;
Chan òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach,
'S mi cinnteach gun cuireadh e 'n tubaist nam cheann.


Gur mis' tha gu brònach, am laighe 's taigh-òsda,
Mi 'teannadh ri òran le bòidean gu teann;
Ag éirigh air m'uilinn, 's ag éigheach gu duineil --
"Chan òl mi deur tuille, deur tuille de'n dram."

'S trom, éisleineach m'aigne 'n àm éirigh 's a' mhadainn,
Mo bhriogais mu m'chasan 'g a tarruing a nall;
Mo bhriogais 'n a stròicean, cha dean i mo chòmhdach,
'S e éigheach nan stòp 'chuir am pòca cho gann.

Le m' chois air an ùrlar, 's gann tha mi air dùsgadh,
'S gur measa na brùid mi le stùrdan 's a' cheann;
Le smal air mo léirsinn, 's an t-snigh' air mo léine,
Mo chridhe làn éislein le speura de'n dram.

Mo léirsinn air tuiteam, cha léir dhomh mo thrusgan,
Chan eil mi ach tuisleach, a' trusadh gach ball,
Ann an seòmar na bochdainn, ag iarraidh gach oisinn --
Ciamar théid mi air choiseachd 's na h-osain air chall?

Tha muinntir an taighe ri bùird, agus fanaid,
O'n dh'éirich mi falamh, chan fhaigh mi an taing;
Bu bhriathrach an raoir iad, 'n àm lasadh nan coinnlean,
An toiseach na h-oidhche bu chaoimhneil an cainnt.

Bidh iadsan cho fiadhaich mur pàigh thu na fiachan,
Gach latha 's a' bhliadhna 'g an iarraidh gu teann,
'Cur cagar ad achlais, le briathran a' mhaslaidh:
"Tha agam ort tasdan, is aisig e nall."

Bidh esan cho spòrsail 's a' chlachan Di-dòmhnaich,
Bho'n cheannaich e còta le pòiteir an dram;
Clann ceathairne còir ann, gun bhoineid, gun bhrògan,
'S nighean dubh an tigh-òsda le srol air a ceann.

Sguiridh mi 'n bhéisd ud, cha bhi mi 'g a éigheach,
Gun fhios a'm fo'n ghréin, ciod am feum a th'ann;
Their na fir làidir, 'nuair chì iad air sràid mi,
"Tha pòit' an taigh-thàirne 'g a fhàgail-sa gann."

Chan òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach,
Cha téid mi le furan an cuideachd mo chall;
'Nuair chluinneas mi 'n deoch ud 'g a h-éigheach le frogan,
Bidh iallan mo spòrain 'g an roladh gu teann.