Chì Mi Bhuam, Chì Mi Bhuam

[Fonn / Tune]



Chì mi bhuam, chì mi bhuam,
Chì mi bhuam, thar an t-sàil',
Chì mi 'n t-àit' a's a bheil thu,
Mhaighdeann ùr nan sùil bhlàth.

Nuair a dhìreas mise suas
Druim a' chruadhlaich is àird,
Chì mi 'n t-àite soilleir réidh
Far bheil m'eudail a' tàmh.

Camalag dualach dual do chinn
'S tu 'ga chìreadh gach là;
Fiamh an òir dheth thar gach dual
'S e mu d'ghuaillean a' fàs.

Truagh nach mise an t-ian beag caomh
Sheòladh aotrom air sàl;
Bhithinn còmhla riut gach oidhch'
Is chan fhoighneachdainn càch.