Chluinn Mi Na h-Eòin

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Chluinn mi na h-eòin, ’s binn leam na h-eòin,
Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach, bhinne,
Chluinn mi na h-eòin, ’s binn leam na h-eòin.


’S binn leam fhéin na bha mi ’g éisdeachd
Maduinn Chéitein ’s spréidh a’ sileadh.

’S binn leam smeòrach air bhàrr géige,
’S uiseagan ’nan speur ri iomairt.

’S binn leam coileach-dubh ri dùrdail,
’S cearc an tùchain dlùth ’ga shireadh.

’S binn leam cuthag le ’gùg-gùg,
’S a’ mhaduinn chiùin air stùc a’ ghlinne.

’S binn leam guth na h-eala bhuadhaich --
Luinneag ’s gloine fuaim air linne.

’S binne na iad sud gu léir
An naidheachd éibhinn a fhuair sinne.