Chunnaic Mi Làir Dhonn Aig Seumas
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Chunnaic mi làir dhonn aig Sheumais,
’S i fo’n chuthach aig rudha Kheigan,
Chunnaic mi làir dhonn aig Sheumais.
Nuair a dh’fhàg i cladach Luther,
’S ann air point a’ chaoil a stiùir i,
Chan fhaca thu riamh brùida
Bha cho siùbhlach giùlan mala.
Nuair a ràinig i na balaich,
Sgàitearan a b’fheàrr a bh’againn,
Gille ruadh aig banntrach Eachuinn,
Chaidh i seachad air dà leum air.
Nuair a ràinig ise a dachaigh,
Aig an sabhal bheag a stad i,
Dh’éigh Catrìona ris na balaich,
Seall a-mach am faic sibh Seumas.
Nuair a chunnaic Iain Mac Leòid i,
Air a ghlùintean dh’iarr e trocair,
Dùil aige b’e ’n spiorad neo-ghlain,
A bha ’n toir air airson eucoir!
Siod far ’n robh am beathach spréigeil --
Nuair a leig i leum air adhart,
Bhrist i na h-innealan draghaid
’S as a dhéidh i dh’fhàg i Seumas.