Clachan Ghlinn-da-Ruadhail
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Mo chaileag mhìn-gheal, mheall-shùileach,
A dh'fhàs gu fallain fuasgailt,
Gur trom mo cheum o'n dhealaich sinn
Aig Clachan Ghlinn-da-ruadhail.
Di-dòmhnaich rinn mi 'chòmhlachadh
Bean òg is mòdhar gluasad;
Tha 'guth mar cheòl na smeòraiche,
'S mar bhil' an ròis a gruaidhean.
Is caoin a seang-shlìos furanach;
Neo-churraidh a ceum uallach;
Tha gàirdean bàn glé chumadail
'S deud lurach 'na beul guamach.
O 's truagh nach robh mi 's m'àilleagan
Air àiridh cois nam fuarbheann,
Bu shocair, sèimh a chaidilinn
'S i 'm achlais air an luachair.
Ach 's eagal leam le'm cheilearachd
Gun gabh an seisean gruaim rium;
Ged fhògras iad do'n Olaind mi,
Ri m'bheò cha toir mi fuath dhuit.