Cleite Gàdaig

[Fonn / Tune]



Tha fleasgach anns a’ bhaile seo
Ris an can iad Dòmhnull,
’S ged gheibheadh e an saoghal,
Gu saothraicheadh e mòine.


[Séisd:]
Inn ala oro i, o inn al ala,
Inn ala oro i uru ru-i uru ru-i,
Inn ala oro i, o inn al ala.


Ged bhiodh tu a’ bruidhinn rium
’S a briodas rium an còmhnaidh,
Cha tugadh tu na h-uighean dhomh
Nuair shuidheadh tu Didòmhnaich.

’S truagh nach eile mo leannan-s’
Ann an ìochdar Leac Na Gàdaig,
Acfhuinn air a smioradh air
Is mise bhith gu h-àrd oirr’.