Cuir A Chinn Dìlis

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Cuir a chinn dìlis, dìlis, dìlis,
Cuir a chinn dìlis tharam do làmh,
Do ghorm-shùilean tairis a mhealladh na mìltean,
B’amaideach mi nuair thug mi dhuit gràdh.


Mi ’m shuidh’ air an tulaich an iomall na cùirte,
’G amharc mo rùin ’s i ’n ionad ro àrd;
Thug i le fionnaireachd sealladh de ’sùil dhomh,
’S thionndaidh i cùlthaobh seachad air bàrr.

Sheall mi a’m dhéidh gu fradharc dhi fhaotainn,
’S chunna mi h-aodann, farasda, tlàth;
Chunna mi sealladh a mhealladh na mìltean,
’S amaideach mi, ’s nach fhaigh mi ’na pàirt.

Tha maise ’nad bhilean, chan aithris luchd-ciùil e,
Togaidh tu sunnd an tallachan àrd;
Leagar leat seachad sàr-ghaisgich na dùthch’
Le sealladh do shùl, ’s le giùlan do ghnàths.

Do dhearc-shùilean glana, fo mhala gun ghruaimean,
’S daingeann a bhuail iad mise le d’ghràdh;
Do ròs-bhilean tana, séimh, furasda, suairce --
Cladhaichear m’uaigh mur glac thu mo làmh.

Do bhràighe na ’s gile na canach na dìge,
Chìteadh dol sìos am fionn-bhainne blàth;
’S ioma rud eile -- chan eil i ri fhaotainn
Idir ’san t-saoghal, aogas mo ghràidh.

Do ghruaidh mar an corcur, beul socair o’m binn’ sgeul,
Deud mar na dìsnean, finealt a dh’fhàs;
Do shlios mar an eala, ’s do mheall-shùilean mìogach,
Thàlaidh thu m’inntinn, ’s cha till i gu bràth.