Cumha Aonghais

[Fonn / Tune]



[Sèisd:]
Hòrò 'sna hù ò,
Falbh ò hòrò nàille,
hòrò 'sna hù ò.


Gura mise tha fo mhulad,
'S mi air tulaich na h-àirigh.

'S ann air cnoc Latha Fhèill Mìcheil
Fhuair mi an dìnneir a chràidh mi.

Fhuair mi dìnneir gun aoibhneas
'S cha do roinn mi ri càch i.

Mi ri coimhead na mara
Ag cur thairis a' bhàta.

Mi ri coimhead nan gillean,
Air a linnidh 'g am bàthadh.

Mo thriùir bhràithrean ann 's m'athair,
'S fear mo thaighe 's e chràdh mi.

Bàs Aonghais á Barraidh,
Gur e sgar is a chràidh mi.

'S e mo ghràdh do shùil mheallach
'S do chùl clannach cas fàinneach.

'S bha do chalpannan geala
Mar chanach an fhàsaich.

Bu tu aghaidh na h-aoibheadh
Ged a bha aogasg a' bhàis ort.

'S ged tha foghmhar na buan' ann,
Cha ghluais thu do làmh air.

Bhi 'g a thogail 's an tiùrradh
Air na bhrùchd am muir bàidht' thu.

Ged a rinneadh do mhilleadh
Bu tu sgìobair a' bhàta.

Bhi 'g a d'ghiùlan aig fearaibh,
Gu Baile na Traghad.

Gu Eaglais na Trianaid',
Far an lìonmhor do chàirdean.

Chuir iad léine de'n anart,
Gun bhannan mu d'bhraghad.

Ann an cistidh chaoil, chumhaing,
Air a dubhadh 's a tàirneadh.

Och nan Och, mar tha mise,
Bean gun mhisneach gu bràth mi.

Té gun mhac, gun fhear taighe,
Té gun aighear, gun slàinte.

Tha do chàirdean 'gam spùinneadh,
'S cha d'thiomain thu, ghràidh rium.

Ged bu chridheil an Nollaig,
Bu neo-thoilicht' a' Chàisg dhomh.

Bidh mi nis a' triall romham,
Cha ghabh comhdhaltan bàigh rium.