Cumha Iain Ghairbh
[Fonn / Tune]
'S mi 'nam shuidh air an fhaoilinn,
'S mi gun fhaoilte gun fhuran;
Rìgh, cha tog mi fonn aotrom
Bho Dhi-haoine mo dhunaidh.
[Séisd:]
Hill o, hill o ro,
Hill o ro ho,
Hill o, hill obhan, hill o.
Rìgh, cha tog mi fonn aotrom,
Bho Dhi-haoine mo dhunaidh,
Bho'n là chailleadh am bàta
Air 'n do bhàthadh an curaidh.
Bho'n là,[srl.]
Gille Calum a b'òige,
'S Iain Mór mo sgeul duilich.
'S i do ghuala bha làidir,
Ged a shàraich a' mhuir thu.
'S chan eil aon ann an Alba
Nach toir ainm air do spionnadh.
Cha robh aon de shliochd Adhamh
Chuireadh làmh anns a' churaidh.
'S ann an clachan na tràghad
Tha mo ghràdh-sa bho'n uiridh.
Tha do chlaidheamh 'san truille,
Fo dhrùdhadh na h-uinneig.
Tha do choin air na h-iallaibh,
'S cha triall iad dha'n mhunadh.
Gu frìth nam beann àrda,
No gu àrd-bheinn a' chuilinn.
'S mi nam shuidh air an fhaoilinn,
Gun fhaoilte gun fhuran.