Cumha An t-Seana Ghàidheil
[Fonn / Tune]
Tha sgiathan na h-oidhche ’gan sgaoileadh a nall,
’S an ceò air a lùbadh mu stùcan nam beann,
Tha deòir air mo shùilean ’s gun m’aigne ach fann;
Air m’fhàgail ’nam aonar a’ caoineadh ’s a’ ghleann.
Tha eunlaith nan geugan a’ gleusadh an rann,
’S a’ leumnaich le sòlas ’s ri ceòl feadh nan crann;
Tha ’n àlach mu’n cuairt dhaibh gu h-uallach a’ danns;
Ach àlach mo ghaoil-sa gach aon dhiubh air chall.
Tha mo chiabhagan tana, ’s tha claisean ’nam ghruaidh,
Oir tha céile mo ghràidh-sa ’na sìneadh ’san uaigh,
Agus triùir de mo phàisdean bu bhlàthmhoire greann,
’Nan sìneadh fo leacan a’ chlachain ud thall.
Ged tha eòin bheag a’ Chéitein a’ tréigsinn nan tom
Nuair chòmhdaicheas reòthachd is dòrainn am fonn,
Bheir Samhradh mu’n cuairt iad gu bruachaibh nan allt;
Ach càirdean mo ghaoil-sa cha taobh iad an gleann.
Tha na fàrdaichean blàtha bha ’g àrach nan sonn
Bu shuilbhire gàire ’s bu bhàigheala com,
Far am b’fhàbharach càirdeas do’n ànrachan lom,
’Nan làraichean fàsail air cnàmh gus am bonn.
Chan fhaicear am buachaill a’ ruagail mu’n chrò,
No banarach ghuanach le ’buaraich ’na dòrn;
Bu bhinn leam a duanagan uallach gun ghò,
Le ’cuailein m’a guaillean mar dhualan de’n òr.
Chan eil clàrsach mo sionnsair ’gar dùsgadh le ceòl;
’S tha mac-talla ’na shuain ann an uaimhean nam fròg;
’S na laoich a bha lùthmhor mu stùcan a’ cheò,
Rinn fòirneart an sgiùrsadh o dhùthaich an òig.
Ach sìth do na dh’fhalbh, agus buaidh leis na seòid,
Tha m’fheasgar-s’ air ciaradh ’s mo ghrian fo na neòil;
Chan fhad gus an crìonar mo chiabhan fo’n fhòid,
Far an casgar gach pian ’s an téid crìoch air gach bròn.