An t-Each Geal
[Fonn / Tune]
[Sèisd:]
Hò rò b'e mo rùn thu
Ged chuir do chùl rium ò,
'S ann a tha mo rùn air
A nighean ùr a threig mi.
An oidhche bha luadhadh ann
A rinn na balaich gluasad,
Gu'n cùm iad ceann an tuath i,
'S mo thruaighe mar a dh'éirich.
A-nuais aig àite Thormoid,
Sin far 'n tachair garbh riuth',
Thuirt caileag Mhór, “Gu dearbha,
Tha 'n fhearg air a' bheist ud.”
'S ann an uair sin dheònaich iad
Gu'n tigeadh Aonghas còmhla riuth',
'S ann aig Niall beag bha spòrs oirre,
'S na “boys” air na “reine”.
A-nuas aig àite Sheòrais
Cha robh fir 'ga saoradh,
Thuirt Aonghas ri Dòmhnall,
"Nach bòidheach an ceum aic'."
Thuirt Dòmhnall John gu caomhneil,
"Fuilingidh na sliegha pila,
'S e Calum rinn a' ghoibhneachd,
'S a splois chuir na chèile."
Bha Murdoch cuideachd còmhla riuth',
E-féin agus Dòmhnall,
Gu'n tàinig Kennie Eolla
Is thug iad leo Sarag.
Tha Dòmhnall ag ràitinn
Gu'm pòs e gun dàil i,
Gu'n iarr e i air Màiri,
Son càch cha bhi éis ann.