An t-Each Ruadh Aig Roland Steele

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hi ri u il agus o,
Mo chridhe trom, cha chàraich mi,
Cha thaobh na caileagan mi,
O 'n sheòl mi fhéin 'nam mharaiche.


An t-each ruadh aig Roland Steele
Gu'n cuir na biastan tachais ann;
Nuair a dh'ith e leth an fheòir
Cha d'fhàg iad móran craiceann air.

'S eadar Nollaig a's Bliadhna Ur,
A chaidh e null gu Garrett leis,
Chuala e gu robh e turail
Airson 'bhruid “examinadh”.

Nuair a ràinig e 'n cùl
Cha d'rinn e fhiù as aithneachadh,
Gu'n a bhruidhinn e 's a' Bheurla,
"Can I trade this animal?"

"Gur e Finnigan chur an taobh-s' mi
Chan eil mi 'n dùil do mhealladh leis;
Cuir air ceithir cruidhean air,
'S mo rùn gu'n dèan e tarruing dhuit."

Nuair a thòisich e gu cruidheadh,
"Bhit" e 'n cùl a claigionn e.
'S ann thuirt Roland ris gu diumbach,
"Bhruth thu air a “spavin” e!"

'S ann thuirt Garrett ris gu fiadhaich,
"Cha do bhiadh thu ceart bho samhuinn e.
Cha dèan e ach biadhadh fithich
Tha na biastan damainte air.

"Teich dhachaidh leis gun dàil,
Mu faigh an làir 's an searrach iad.
Na faiceadh thu gu siorruidh brath
A-mach air bràigh a' bhail' agam!"

Gu robh caball aig na “reins”,
Bha móran orr' do snaimeanan.
'S cuip aig do “wire” o'n fheòir
A 's straic e cnàimh na droma aige.

Nuair a ràinig e 'n stòir
Bha 'n t-each na lon a falluis aig',
Ach thuirt e ri Bessie as an stòir,
"Lord, how that horse was travelling."

Gur e Hector bha gu cruidheadh,
Siud a mhill na casan aig',
G'an cuir air le tàirnean bàta
Gur h-ann a b'fheàrr a dh'fhannadh iad.

Siud far an robh am beathach “lively”
Falbh a “dhriveadh” sgoilearan,
Nuair a ràinig e an Cobh
Cha mhór bhitheadh ann air toiseach air.