Eilean Gorm Nam Beanntan Ard
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Eilean gorm nam beanntan àrd,
Tìr mo dhùthchais, tìr mo ghràidh,
’S iomadh tonn a bhuaileas tràigh,
Mu’n iarr mi fàth air càrachadh.
Tìr as aille tha fo’n ghréin,
Cnoic is glinn is raointean réidh,
Coille dhlùth nam mìle geug
’S an cluinnear gleus air ceilearadh.
Monaidhean ’s am faighear féidh,
Aonaichean ’s an cinnich spréidh,
Fonn, ma chuirear e fo’n chléith,
A thig fo dheis le aran dhuinn.
Faodaidh gu’m bi ’n geamhradh fuar,
’S gaoth an earraich o’n taobh tuath,
Thig an samhradh blàth ’na uair
Le cur is buain ’gar toileachadh.
Anns a’ ghleann ’s a’ bheil sinn fhìn
Faighinn beatha ’s teachd-an-tìr,
Chan eil deireas oirnn no dìth --
Chan eil an rìgh cho sona ruinn.
’S ann tha ’n sluagh tha ceanalt’, ciùin,
Sìol nan sonn a b’àirde cliù;
’S mór leam fhìn gu bheil mi dhiubh,
Bu shuarach crùn a roghainn air.
Dh’fhàg an sinnsir tìr an fhraoich,
Mheas iad stuadh nan cuantan faoin,
Ghabh iad seilbh am measg nan craobh,
A’ saothrachadh gu fearail ann.
Far an d’fhuair mi m’àrach òg,
Fanaidh mi le toil ’s le deòin;
Air cho fad ’s gu’m bi mi beò,
Cha dèan an t-òr mo mhealladh as.