Fàgail Liosmor
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Muile nam fuarbheann, Marbhairn' an àigh,
Apuinn na gréine 's Lathurn mo ghràidh,
'S an t-eilean beag uain' an caidreabh a' chuain,
'N t-eilean d'an tug mi bàigh.
Deòir air mo shùil chaidh m'aignear air chùl,
An iùbhrach air ghleus 'gam ghiùlan thar sàil';
O'n tha mi 'gad fhàgail, eilein mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's àigh.
Cadal no dùsgadh, cluinnidh mi uam
A' bhanarach òg ri luinneig mu'n chrò;
'S an ùr-mhaduinn Chéit' 'san smeòrach air géig,
Ag gleusadh a pìob gu ceòl.
Sìoda is sròl chan iarrainn ri'm dheòin,
No seudan is stòr, no leabaidh-chloimh àrd;
B'e m'aighearachd bhuan an àirigh bheag uain',
Is cadal gu suain air làr.
Soraidh le coilltean, soraidh le tràigh,
Is soraidh le àilleachd, soraidh le bàigh;
O'n tha mi 'gad fhàgail, eilein mo chridh',
Sòlas is sìth ort 's àigh.