Fàil Hó Ró Ghràidh
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Fàil hó ró ghràidh.
Bheir mi ó hù ill ó
Fàil hó ró ho ghràidh.
'S gura mis' tha fo mhulad
Tha lionn-dubh air mo lìonadh,
Ma fhear àrd a' chùil bhuidhe
Nì am bruthach a dhìreadh:
Ma fhear do Chlann Dòmhnaill,
An fhine mhòrdhalach rìoghail,
Ma fhear do Chlann Raghnaill,
On is fheudar dhomh innse.
Calpa grinn dha'n tig stocainn
Troigh shocair am bròig bhuinn dhuibh:
'S tu air bharraibh nan stuagh
A' falbh, a luaidh, dha na h-Innsean.
'S e do ghillean nach tilleadh
Ann am mire na sìneadh.
Chan e coite caol corrach
Chuireadh sogan air t'inntinn
Ach long mhór nan trì chrannag,
Ri latha gaillinn cha till i.
'S ge b'e thog oirnn na breugan
O, gur fheudar dhaibh innse.
Thog iad ormsa le sgainneal
Gu robh bainne nam chìochan,
Gu robh mi trom torrach
O thoradh na h-aonoidhch',
Gun deachaidh mi 'n uaigneas
Le buachaill' a' chinn duibh.
Cha deachaidh mi an glaic leat,
O, cha deachaidh -- cha b'fhiach leam.
Gura càirdeach mo leanabh
Dha na falannan uasal,
Do Mhac Leòid anns na Hearadh
'S dha gach baran tha fiachar.
Gura car' thu Mhac Dhùghaill
Thig o thùr nan clach lìomhainn.
'S mi gu faithneachadh tu tighinn
Fhir chridhe nam mìogshul,
'S mi gu faithneachadh do choiseachd
Air thoiseach nam mìltean,
'S mi gu faithneachadh tu 'd sheasamh
Ann an eaglais na sgìreachd.
Air dheirgead air ghilead
Air ghrinnead 's air bhinnead.
'S math thig sìod' air mo leannan,
Bròg bharriallach ghrinn-dubh.
'S math thig ad a' chuic àird ort
Agus fàbhar bho'n Rìgh innt'.