Fail O Ro Mar Dh'Fhàg Sinn (II)

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn,
Cur siùil ri croinn àrda;
Gillean gasda cliùiteach
Bho dhùthaich nan àrd-bheann.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.


Am bàta sheòl á Cluaidh leinn,
Bu bhuadhach air sàil i,
Bha fichead seòl 's a trì
Air an rìbhinn a b'àille.

Cha b'iad balaich Ghallda
B'annsa leinn mar làmhan;
Ach prasgan de na Gàidheil,
Nach géilleadh 's a' ghàbhadh.

'N àm fàgail ar dùthcha,
'S cur dùil ri ar càirdean,
Dh'òl sinn slàint' nan nìonag
Nach dìobair gu bràth sinn.

A-null an Cuan Siar dhuinn,
Gu'm b'iargalta bha i,
Muir gu trom a' beucadh,
'S ag éirigh 'na ghàir-ghil.

Bha an sgiobair treubhach,
'G éigheach dhol an àirde,
'S an long air a riasladh,
'S an siaban 'gar bàthadh.

Na siùil ged a reubadh,
'S ged dh'éireadh muir bàrcach,
Bha na balaich gleusda,
Gu greim chur air càbuill.

Ma gheibh mis' a Leòdhais,
Far 'm b'eòlach a bha mi,
Searrag bidh air bòrd ann,
Le òrain mhatha Gàidhlig.