Fàilte Rubha Bhatairnis
[Fonn / Tune]
O fàilt' air Rubha Bhatairnis,
Gur maiseach leam do chluaintean;
Thoir soraidh slàn gu Hàllain,
'S nach fhaod mi thràigh a bhualadh.
'S i Ghearmailt le cuid innleachdan
A chuir mi fhìn gu cuantan,
'S nam faighinn dhachaidh sàbhailte,
'S i Màiri nach biodh gruamach.
'S gun aithnichinn fhìn do bheanntanan
'S gach gleann a tha mu'n cuairt dhut,
'S gur ann aig Lag an t-Sìthein
Tha 'n rìbhinn rinn mo bhuaireadh.
Bha uair a gheibhte fiùrain ann,
An Trùmpan 'sa cheann uachdrach,
A dh'fhalbh a dhìon ar dùthcha dhuinn
Tha 'n-diugh 's an ùir mu'n cuairt dhaibh.